Erhalten Sie Zugang zu diesem und mehr als 300000 Büchern ab EUR 5,99 monatlich.
Tha Angela NicilleDhuinn air seann leabhar a lorg – leabhar a bhuineadh do Dhaibhidh Brewster, an neach-saidheans Albannach a chruthaich an cailèideascop. Tha i air a chleachdadh gus ionnsramaid ùr nodha a chruthachadh, a tha a' dèanamh follaiseach na ceanglaichean brèagha eadar gach nì – agus gach duine – anns an t-saoghal. Ach, tha muinntir eile air tòir an fhiosrachaidh seo cuideachd, agus tha Angela a-nist ga faighinn fhèin ann an cunnart cho mòr gu bheil ceist oirre – am b' urrainn dhi fuireach ann an Alba? Dà cheud bliadhna às dèidh nan làithean nuair a bha Angela beò, tha eachdraiche òg air lorg fhaighinn air an sgeulachd aice. Agus le taic bho charaid àraid – a tha cracte air nobhailean mu dhèidhinn seann luchd- rannsachaidh prìobhaideach – tha i a' faighinn sealladh às ùr air ciamar a thàinig an cinne-daonna tro sgrios, cogadh, agus ùpraid, gu beatha shaor, bheairteach, far a bheil daoine a' dèanamh deiseil gus siubhal do na speuran. Tha Daibhidh Eyre air sgeulachd ghleusta is shiùbhlach a chruthachadh, a tha a' tòiseachadh am measg ath-bheothachadh na Gàidhlig san Eilean Sgitheanach, agus a' crìochnachadh anns na speuran. Turas thar-labhairt.
Sie lesen das E-Book in den Legimi-Apps auf:
Seitenzahl: 173
Veröffentlichungsjahr: 2017
Das E-Book (TTS) können Sie hören im Abo „Legimi Premium” in Legimi-Apps auf:
RUGADH DAIBHIDH EYRE ann an Coatbridge ann an 1972. Chuir e seachad bliadhnaichean na h-àrd-sgoile ann an Glaschu, rinn e Litreachas na h-Alba agus Gàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èideann, agus bhon uair sin tha dreuchdan air a bhith aige mar neach-naidheachd is oifigear nam meadhanan. Chaidh cuid dhe na dàin aige fhoillseachadh ann am Poetry Scotland, Irish Pages, Northwards Now, An Guth, Gutter agus New Writing Scotland. Dh’fhoillsicheadh an nobhail ghoirid aige, Glainne, ann an 2015.
DAIBHIDH EYRE
Luath foillsichearan earranta Dùn Èideann www.luath.co.uk
A’ chiad chlò 2017
ISBN: 978-1-912147-12-0 eISBN: 978-1-912387-05-2
Gach còir glèidhte. Tha còraichean an sgrìobhaiche mar ùghdar fo Achd Chòraichean, Dealbhachaidh agus Stèidh 1988 dearbhte.
Chuidich Comhairle nan Leabhraichean am foillsichear le cosgaisean an leabhair seo.
Chaidh am pàipear a tha air a chleachdadh anns an leabhar seo a dhèanamh ann an dòighean coibhneil dhan àrainneachd, a-mach à coilltean ath-nuadhachail.
Air a chlò-bhualadh ’s air a cheangal le Martins the Printers, Berwick Upon Tweed.
Air a chur ann an clò Sabon 11 le Main Point Books, Dùn Èideann
© Daibhidh Eyre 2017
Table of Contents
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
Taing
Leughadh a bharrachd
Do mo bhràthair Mìcheal
‘In the memory of man, no invention, and no work, whether addressed to the imagination or to the understanding, ever produced such an effect.’
Dr Pàdraig M. Roget a’ sgrìobhadh mun chailèideascop, Blackwood’s Magazine, 1818
‘…when a great man has once become an object either of interest or wonder, and still more when he is considered as the possessor of knowledge and skill which transcend the capacity of his age, he is soon transformed into the hero of romance.’
Sir Daibhidh Brewster, The Martyrs of Science, 1841
‘Bha daoine anns an t-saoghal seo, a’ coimhead air rudan gun a bhith gam faicinn ceart, oir bha iad uile air an cuairteachadh leis an sgleò a bha seo… bha e a’ cuairteachadh nam beann as àirde, agus na cuantan as doimhne. Bha e a’ cuairteachadh gach duine agus gach nì ann an nàdar, bho mheanbh-chuileagan gu mucan-mara.’
Bhon sgeulachd cloinne A’ Phrosbaig Bheag aig Angela Dhonn
1
A’ coimhead an-àird, chunnaic Anna Bahia solas an t-seòmair, drilseach, air boinneagan na froise, na dathan ag atharrachadh gu sgiobalta bho airgead, gu liath, gu geal, gu dearg, gu gorm.
Shìn i a-mach a làmh agus nochd siabann ann, agus fàileadh glan mionnt air. Dhùin i a sùilean agus thòisich i a’ cur an t-siabainn gu slaodach tron ghruaig ghoirid dheirg aice. Nuair a bha an saplas a’ dol math gu leòr, chuir i a h-aodann fon uisge gus cuidhteas fhaighinn dhen t-siabann. An uair sin stad an fhras. Chuir Anna a-mach a làmh a-rithist agus nochd siabann a bharrachd ann. Thòisich i ga nighe fhèin leis, a làmhan air a craiceann mhìn dhonn. Nuair a bha i deiseil, choimhead na sùilean gorma aice an-àird a-rithist, agus thill an t-uisge, blàth agus socair. Às dèidh greis, shìn Anna a-mach a gàirdeanan: stad an t-uisge agus nochd èadhar bhlàth na àite, ga cuairteachadh ’s ga tiormachadh. Agus an uair sin – an rud a b’ fheàrr a chòrd rithe, rud nach d’ rinn duine sam bith eile air an robh ise eòlach co-dhiù – oiteagan èadhair fhuair, ga piobrachadh. Bha i a-nist na dùisg, a’ faireachdainn deiseil airson an latha.
A’ coimhead air a faileas sa bhalla, bha gàire oirre, ’s i a’ cuimhneachadh air fear òg a bha san fhras seo còmhla rithe o chionn beagan mhìosan. Cha robh dùil aige ris an èadhar fhuar idir agus leig e sgreuch eagalach nuair a thòisich e a’ spùtadh a-mach.
Thòisich Anna a’ nighe a fiaclan. Nuair a bha i deiseil, chaidh i tro dhoras dhan t-seòmar-chadail agus dh’fhosgail i preasa. Choimhead i air an aodach a bha na bhroinn. Cha robh mòran ann, ach bha Anna fhathast greiseag a’ dèanamh taghadh. Fhad ’s a bha i a’ coimhead, thuirt i:
‘Madainn mhath a Ghriod. Dè th’ againn an-diugh?’
‘Madainn mhath Anna.’ Bha guth air nochdadh bho oisean an t-seòmair – guth boireannaich, na meadhan-aois. ‘Disathairne, an 7mh latha dhen Chèitean 2214. Chaidh trì freagairtean ùra a chur ris an deasbad a tha thu a’ leantainn air Lìonra na h-Acadamaidh. Tha seachd teachdaireachdan teacsa a’ feitheamh ort, agus dà theachdaireachd bhidio – fear dhiubh sin bho d’ athair. Dh’iarr thu orm a chur nad chuimhne gur e co-là-breith do charaid Liu Min a bhios ann Diciadain sa tighinn – sin Diciadain an 11mh dhen Chèitean. Agus, mar as àbhaist, tha thu a’ coinneachadh ri Vito Bellamy aig a’ chafaidh aig 10m – tha sin ann an 34 mionaidean.’
Fhad ’s a bha an Griod a’ bruidhinn, chuir Anna briogais ghoirid oirre fhèin, lèine fhada gheal a chaidh sìos gu a glùinean, agus brògan aotrom.
‘Glè mhath a Ghriod, mòran taing. An togadh tu na sgàilean?’
‘Nì mi sin Anna.’
Gu slaodach, dh’fhalbh an dorchadas a bha air a bhith a’ laighe air na h-uinneagan, agus thàinig solas an latha a-steach. Nuair a bha solas gu leòr anns an t-seòmar, chaidh na lampaichean dheth.
Choimhead Anna oirre fhèin ann an doras a’ phreasa, ’s e air tionndadh a bhith na sgàthan. Bha i 24 bliadhna a dh’aois agus na sgoilear ann an eachdraidh. Agus bha i math air. Bha fios aice air sin. Fiù ’s aig an ìre thràth seo na beatha-obrach, bha na trì pàipearan a bha i air fhoillseachadh san dà bhliadhna mu dheireadh air aire iomadh sgoileir a ghlacadh mar-thà, ’s iad am measg nam pàipearan as motha a chaidh a dheasbad air Lìonra na h-Acadamaidh.
Bha fios aice gun robh i air fàs cliùiteach gu ìre – san lìonra a bha cudromach dhìse co-dhiù. Bha làn fhios aice cuideachd gun robh i brèagha, glic, làn tàlaint. Agus bha i coibhneil na dòigh cuideachd, a’ cuideachadh nan oileanach òga agus ag èisteachd ri trioblaidean a caraidean.
Ach bha i fhathast an-fhoiseil.
Oir ann an eachdraidh fhada mhic-an-duine – na linntean fada on a thòisich iad a’ sgrìobhadh agus a’ clàradh am beathannan – cha robh càil ann mu robh i airson sgrìobhadh.
Chòrd an cafaidh seo ri Anna gu mòr. Bha e ann an talla a bha meadhanach mòr, agus nas cumhainge na bha e fada. Bha dàrna-leth a’ chafaidh leth phàirt shuas air fear dhe na ballachan as giorra. Fon bharraid far an robh Anna a’ suidhe, chunnaic i deich loidhnichean de phlanntraisean cofaidh, a’ sìneadh a-mach gu ceann eile an talla. Ged a bha solais os an cionn, bha e fhathast caran fuar, agus bha plangaidean ri fhaighinn dha na daoine a bhiodh a’ suidhe anns a’ ghàrradh. An solas agus an fhuachd. Aig amannan, bhiodh pìoban aig mullach an talla a’ fosgladh gus uisge a leigeil às, mar fhras bheag fhuar air latha brèagha, a’ dèanamh bhoghan-froise anns an adhar.
Bhiodh muinntir a’ chafaidh a’ buain nam pònairean cofaidh agus gan ròstadh ann an trì dòighean eadar-dhealaichte. Anns a’ mhadainn, b’ e an cofaidh meadhanach-ròsta a bu mhotha a bha a’ còrdadh ri Anna, agus i ga ghabhail le bainne teth agus briosgaid no dhà.
Bha i a’ leughadh nan teachdaireachdan teacsa a bh’ aice. Rudan àbhaisteach – cuiridhean do dh’òraidean agus co-labhairtean, teachdaireachd fhada bho charaid a bha a’ gabhail turas fad bliadhna gu leth air an Talamh (‘Ghabh mi sashimi ann an Vancouver a-raoir. Am biadh as fheàrr a dh’ith mi a-riamh.’ Thòisich stamag Anna a’ rùcail. ’S dòcha gum faigheadh i rola ’s càise a bharrachd air na briosgaidean àbhaisteach). Thug i sùil gu sgiobalta air na naidheachdan a bha an Griod air cruinneachadh dhi: bha tè air an robh i eòlach air tarraing a-mach às na rèisean mòra am-bliadhna, agus i a’ dol a bhith na màthair; bha luchd-saidheans air an stèisean-fhànais WhiteJuday ag ràdh gun robh na deuchainnean as ùire aca air a bhith soirbheachail, agus gun robh iad an dùil nach biodh e fada gus am biodh long-fhànais ann a bhiodh comasach Alpha Centauri a ruighinn ann an cola-deug (carson, smaoinich Anna, a bha an turas bho Chaileasto dhan Talamh, fhathast a’ toirt trì seachdainean ma-thà?); bha an Griod a’ moladh gun deigheadh trì sgìrean ùra a chruthachadh anns a’ Bhaile, agus an àireamh de dhaoine a’ fuireach air Caileasto fhathast a’ dol suas (chomharraich Anna gun robh i taiceil dhan mholadh agus chaidh sin a chlàradh leis na bhòtaichean aig daoine eile – bha i cinnteach gun deigheadh e troimhe); agus bha muinntir Europa air tòiseachadh air duilleasg ùr fhàs air uachdar nan cuantan mòra fuara an sin, ’s iad cinnteach a-nist nach dèanadh e cron sam bith air na meanbhagan tùsanach a bha beò air bonn na mara.
‘Sin thu!’ Bha fear a’ tighinn ga h-ionnsaigh, ’s e ann an deise agus ad liath ann an stoidhle nan 1940an.
‘Sin thu Vito,’ ars Anna. ‘Suidh sìos. Dè ghabhas tu?’ Dh’fhalbh an sgàilean air an robh Anna a’ leughadh nan naidheachdan.
‘Tha i agam,’ thog am fear cupan beag. ‘Tè bheag dhubh mar as àbhaist.’
Bhiodh Anna a’ coinneachadh ri a caraid Vito Bellamy sa chafaidh seo gach madainn Diciadain ’s Disathairne. Fear-tasglainn a bh’ ann, a bhiodh a’ sgrìobadh tron t-saoghal mhòr dhidseatach, a’ feuchainn ri rudan ùra ionnsachadh bhon stòras mhòr fhiosrachaidh a bha mòran ghinealachdan air a chur ris. Dhan mhòr-chuid, bha e gu leòr dhaibh prògram-sgrùdaidh àbhaisteach a chleachdadh – le taic bhon Ghriod – gus fios fhaighinn air rud sam bith a bha inntinneach dhaibh. Ach nan robh thu airson rudan neo-àbhaisteach a lorg, bha agad ri prògram sònraichte a chruthachadh, a rachadh gu àitichean a bha gu ìre am falach ann an stòr-dàta air choreigin nach robh daoine a’ cleachdadh cho tric. Sin a bhiodh Vito a’ dèanamh. Agus aig amannan bhiodh e ag obair còmhla ri Anna gus rudan ùra a lorg a bheireadh sealladh ùr dhi air eachdraidh.
Duine caran goirid ’s reamhar a bh’ ann. Agus cha robh na briogaisean a bha mar phàirt dhen deise aige ga chuideachadh idir, agus an crios aige cha mhòr air a bhroilleach. Bha cuid ag ràdh gur e duine neònach, crosta a bh’ ann an Vito, ach bhon a choinnich Anna ris ’son a’ chiad uair o chionn ceithir bliadhna, bha an dithis air a bhith gu math faisg.
Shuidh Vito sìos air beulaibh Anna.
‘Ciamar a tha Bana-phrionnsa na Danmhairg an-diugh?’ dh’fhaighnich e.
‘Ò, tha fhios agad fhèin. Cho luath ’s a tha mi air aontachadh air cuspair, bidh teagamhan a’ nochdadh.’
‘Uill feumaidh tu co-dhùnadh a ruighinn uaireigin mo Hamlet bheag bhòidheach. Tha na seachdainean a’ dol seachad gu luath. Cha bhi thu cho brèagha ’s cho cliùiteach gu bràth.’
‘Och tha fhios a’m. Bliadhna no dhà eile agus bidh mi a’ dol timcheall còmhla riutsa ann an dreasa gheal shìoda mar Laura Bacall.’
‘Lauren. Lauren Bacall. Abair gur e sgoilear a th’ annadsa.’
‘Lauren uill. B’ urrainn dhan dithis againn an còrr dhe ar beatha a chosg a’ leigeil oirnn gu bheil sinn sa Mhaltese Falcon.’
Leig Vito a-mach osna. ‘Cha robh Lauren Bacall anns a’ Mhaltese Falcon. Mura bheil eòlas agad air na bheil thu ag ràdh, cùm sàmhach.’
‘Ò, cumaidh! Cumaidh gu dearbh!’ Thionndaidh Anna air falbh, a’ coimhead a-mach air na loidhn- ichean uaine a bha fòdhpa. Bha fearg oirre, ach bha sin dìreach mar shlige, agus am broinn sin bha bròn agus – gu ìre – feagal ’s iomagan mu a beatha-obrach.
‘Och a charaid, tha mi duilich,’ thuirt Vito. ‘Na tòisich an latha mar seo. Tha fios agam gu bheil cùisean caran doirbh dhut na làithean sa.’ Chuir Vito a làmh air làimh a charaid agus thionndaidh i thuige.
‘’S mise a tha duilich Vito. Tha fios a’m gun robh thu a’ feuchainn a bhith spòrsail. Ach tha mi dìreach… caran troimh-a-chèile air sgàth m’ obrach.’
‘Tha fios a’m, a charaid, tha fios a’m. Ach gabh balgam dhen chofaidh agad. ’S dòcha gu bheil preusant agam dhut. Tha mi air rudeigin inntinneach a lorg. Sgeulachd inntinneach.’
Chuir Anna sìos an cupan. Bha a sùilean soilleir a-nist.
‘Dè? Dè tha thu air fhaighinn?’
‘Uill… bha mi a’ dol a thoirt an fhiosrachaidh dhut aig dinnear a-màireach ach… Inns dhomh. A bheil thu air càil a-riamh a chluinntinn mu dheidhinn an rud seo – an cailèideascop?’
‘Cailèideascop. Dèideag a bh’ ann nach b’ e? Rud airson clann?’
‘B’ e sin a bh’ ann. Ach bha e fada nas motha na sin cuideachd, tha e coltach. Trobhad.’ Sheas Vito. ‘Cur crìoch air a’ chofaidh sin, ’s thig còmhla rium.’
Air cùl doras le glainne cheòthach, agus ‘Vito C. Bellamy Neach-rannsachaidh Prìobhaideach’ sgrìobhte air, bha oifis bheag, an àirneis uile ann am fiodh. Dà dheasg mòr, fear mu choinneamh an dorais, agus fear eile air an taobh cheart, air beulaibh dà uinneig air an robh cùirtearan. Ri taobh an deasga sin bha sèithear donn leathar, agus cèis-leabhraichean air cùlaibh sin. Bha brat-ùrlair ann, ann an seann stoidhle, le pàtran dearg ’s donn air. Bha e coltach ris an oifis aig Philip Marlowe anns an fhilm The Big Sleep – am fear a chaidh a dhèanamh ann an 1946, le Humphrey Bogart ’s Lauren Bacall. Bha Vito cracte air na nobhailean aig Raymond Chandler ’s Dashiell Hammett – agus air na filmichean a bha stèidhichte orra.
Bha Vito ’s Anna nan suidhe air cùl a’ chiad deasga, a’ coimhead air sgàilean a bh’ air nochdadh os an cionn.
‘Nist, tòisichidh sinn an seo,’ arsa Vito. Chaidh a làmhan tron èadhar agus nochd prògram-sgrùdaidh àbhaisteach air an sgàilean.
‘Thàinig am fireannach a bha seo thugam o chionn beagan mhìosan. Bha e airson dèideag a thoirt dhan nighinn bhig aige airson a co-là-breith, ach bha e ag iarraidh rudeigin a-mach às an àbhaist. Uill, thòisich mi a’ sgrùdadh agus lorg mi seo.’
Bha an sgàilean a’ sealltainn pàtran brèagha, dathach, ann an cruth reula, a bha ag atharrachadh fad an t-siubhail, ann an dòigh shlaodach, tharraingeach.
‘Cailèideascop a tha sin, an e?’ dh’fhaighnich Anna. ‘Tha e brèagha ceart gu leòr.’
‘Tha. Tha gu dearbh. Rud gasta a th’ ann, gu h-àraid nuair a bhios tu a’ smaoineachadh air an teicneòlas a chaidh a chleachdadh ann. Chan e a th’ ann an seo ach sgàthanan agus pìosan beaga glainne.’
‘Ceò ’s sgàthanan,’ ars Anna. ‘Ciamar a tha e ag obair?’
‘Seo e.’
Nochd planaichean air an sgàilean, a’ sealltainn mar a chaidh an cailèideascop a chur ri chèile. Chaidh e na phìosan agus an uair sin thàinig na pìosan ri chèile a-rithist, pìos mu seach.
‘Seadh,’ ars Anna às dèidh greis. ‘Tha mi a’ tuigsinn. Gu ìre co-dhiù. Dèideag shnog. Ach carson a bhiodh e inntinneach dhòmhsa?’
‘Fuirich ort, fuirich ort. Nist, bha mi airson barrachd fhaighinn a-mach mun fhear a chruthaich an cailèideascop. Brewster an t-ainm a bh’ air. Bha e aig Oilthigh Dhùn Èideann san naoidheamh linn deug.’
‘Tha sin… inntinneach.’
‘Tha, nach eil? Doirbh prìomh fhiosrachadh fhaighinn bhon linn sin. Chaidh tòrr a chall ann an Linn nan Tuiltean. Ach chruthaich mi prògram-sgrùdaidh a bhiodh a’ lorg stuth sam bith a’ buntainn ris an oilthigh sin agus ris an fhacal ‘cailèideascop’. Agus… uill… mar a thuirt thu, tha e inntinneach. Tha e a’ tòiseachadh le òraid.’
2
3
BHA IAD SAN t-seòmar-shuidhe aig Anna. Dh’iarr Anna air Vito a thighinn ann gus drama a ghabhail, ach leis an fhìrinn innse bha i airson faighinn air falbh bho dhaoine eile ’s e ann an staid cho glòrmhor.
‘Angela Neech Ella Wine,’ arsa Vito. ‘Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil thu ga ràdh mar sin co-dhiù. A Ghriod?’
‘NicIlleDhuinn, Vito,’ bha an Griod a’ bruidhinn bho uaireadair a bh’ air làimh dheis Vito, ann an guth gu math coltach ri guth an duine fhèin. ‘Angela NicIlleDhuinn.’
‘Glè mhath. Taing mhòr. Angela NicIlleDhuinn – sin Angela Brown sa Ghàidhlig. Seo dhut cunntas-beatha.’
Nochd sgàilean air am beulaibh, le dealbh tè òig air. Falt donn cuaileanach oirre, sìos air a guailnean, agus sùilean mòra gorma cuideachd. Bha Angela NicIlleDhuinn gu math tarraingeach, bòidheach.
‘Rugadh i ann an 1984 ann an Glaschu, ach chaidh i dhan sgoil anns an Eilean Sgitheanach. Tha an t-eilean sin fhathast ann, a dh’aindeoin nan Tuiltean. An uair sin, Oilthigh Dhùn Èideann far an d’ fhuair i ceum ann an innleadaireachd agus coimpiutaireachd.’
‘Cò às a tha am fiosrachadh seo a’ tighinn?’ dh’fhaighnich Anna.
‘Bho Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean. Sin àite a chaidh a chur air dòigh aig deireadh an 20mh linn. Bha diofar cholaistean mar phàirt dheth, nam measg colaiste na Gàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig. Fhuair am prògram-sgrùdaidh lorg air stòr-dàta an oilthigh nuair a chaidh na stèidhean ùra a thoirt dha.’
‘Agus fhuair thu grèim air an fhiosrachadh seo mu Angela. Math fhèin Vito.’
‘Ò, fhuair mi grèim air nas motha na sin, Anna. Fhuair mi grèim air na notaichean aig Brewster, agus air clàradh a rinn Angela, a’ mìneachadh ciamar a fhuair i grèim orra agus dè rinn i leotha.’
‘Cha d’ fhuair,’ ars Anna.
‘Ò, ’s mi a fhuair, Anna.’ arsa Vito le gàire. ‘Nach eil thu fortanach gu bheil caraid agad a tha cho èasgaidh, ’s làn tàlaint? Fàgaidh mi thu an-dràsta, agus gheibh thu cothrom sùil a thoirt air an stuth.’
Ghluais Vito a làmhan, agus nochd doras air an sgàilean, coltach ri doras na h-oifis aige. Ach sgrìobhte air a’ ghlainne bha na facail ‘Pròiseact Cailèideascoip’. Dh’fhosgail e an doras agus chaidh e a-steach air an oifis agus chun deasga aige. An sin, bha diofar phasganan nan laighe, nam measg, fear air an robh sgrìobhte ‘Angela Brown / NicIlleDhuinn’.
‘Mholainn ort tòiseachadh leis a’ chlàradh seo aig Angela,’ arsa Vito. ‘Chaidh a chlàradh ann an Gàidhlig, ach tha an Griod air eadar-theangachadh a dhèanamh dheth. Bha rud no dhà ann far an robh ceist mu na bha i a’ ciallachadh, ach fhuair mi cuideachadh leis na pìosan sin bho dhaoine san Lìonra Acadaimigeach, fear òg à Obar Dheathain gu h-àraidh.’
‘An tug thu lethbhreac dhen fhiosrachadh seo dhaibh?’ dh’fhaighnich Anna.
‘Cha tug. Fhuair mi am fiosrachadh bhon Ghriod. Tha e an sin ri lorg do dhuine sam bith, agus le sin cha robh agam ri aire dhaoine a tharraing thuige. Nan robh mi a’ lorg cuideachadh bho dhaoine eile mu dheidhinn fiosrachadh nach robh air a’ Ghriod mar-thà, sin rud eile. Bhiodh agam ris an fhiosrachadh fhoillseachadh gu poblach gus an robh e ri fhaighinn leis a h-uile duine. Ach tha an stuth seo agadsa a-mhàin airson greis, gus a bheil thu deiseil leis. Gur math a thèid leat!’ arsa Vito, ’s e a’ fàgail an t-seòmair.
‘Tapadh leat Vito,’ ars Anna. Thionndaidh i air ais dhan sgàilean agus dh’fhosgail i am pasgan.
bellamyv0621710001>projektdosieroj>bahia>kalejdoskopo> angela^brown^nicilledhuinn>registadoj>registrado1
Bha tè òg na suidhe ann an seòmar, le tòrr sgeilfichean air a cùlaibh air an robh leabhraichean. Feumaidh gun robh uinneag air taobh clì a’ bhoireannaich, oir bha solas na grèine a’ laighe nas motha air an taobh sin dhen aodann aice. Bha coltas sgìth oirre.
Thionndaidh i air falbh rud beag agus ghabh i deoch bho mhuga. An uair sin, choimhead i air ais air an sgàilean. Thòisich i a’ bruidhinn.
‘Madainn mhath. Tha mi airson ’s gum bi clàr ann air na tha air tachairt dhomh sna mìosan às dèidh an reifreinn, agus gu h-àraid mu dheidhinn a’ Chailèideascoip. Tha mi a’ clàradh ann an Gàidhlig, leis gu bheil mi ’n dòchas gun dèan sin cùisean nas dorra dhan fheadhainn a tha air a bhith às mo dhèidh. Agus leis gu bheil mi a’ smaoineachadh gu bheil e freagarrach. Tha mi air bruidhinn ris na daoine san leabharlann aig Sabhal Mòr Ostaig, agus tha iadsan a’ dol a chumail a’ chlàraidh seo san tasglainn aca, a bharrachd air lethbhreac didseatach a tha mi air a dhèanamh dhe na leabhraichean aig Brewster.
‘’S mise Angela NicIlleDhuinn, no Angela Brown mar a tha e sa chànan eile. Rugadh mi ann an Glaschu aig Ospadal an Ruaidh Ghlinne ann an 1984. Bha mo phàrantan, Pàdraig agus Sìne, nan tidsearan. Bha an dithis aca air Gàidhlig ionnsachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann, agus ’s ann an sin a choinnich iad sa chiad dol-a-mach.
‘Nuair a bha mi ceithir bliadhna dh’aois, ghluais sinn gu Slèite. Fhuair mo mhàthair obair aig Sabhal Mòr Ostaig, agus thòisich m’ athair air obair-rannsachaidh, a’ toirt sùil air co-obrachadh eadar Gàidheil na h-Èireann agus Gàidheil na h-Alba fhad ’s a bha Strì an Fhearainn a’ dol. Bha e cuideachd a’ teagasg pàirt-ùine aig Bun-sgoil Shlèite, far an robh mise nam sgoilear. Bha e gam theagasg fhìn airson greis. Bha e cho math mar thidsear, agus tha fhathast.
‘Chaidh mi gu Àrd-sgoil Phort Rìgh agus leis gun d’ rinn mi math air saidheans ’s matamataig, cho-dhùin mi gun robh mi gu bhith nam innleadair, rud a bhiodh a’ toirt cothrom dhomh a bhith a’ siubhal agus a’ lìonadh beàrn far an robh tuilleadh bhoireannach a dhìth orra. Sin a rinn mi, agus fhuair mi ceum aig Oilthigh Dhùn Èideann mar a rinn mo phàrantan.
