Dòrlach Sil - Maoilios Caimbeul - E-Book

Dòrlach Sil E-Book

Maoilios Caimbeul

0,0
7,55 €

oder
-100%
Sammeln Sie Punkte in unserem Gutscheinprogramm und kaufen Sie E-Books und Hörbücher mit bis zu 100% Rabatt.

Mehr erfahren.
Beschreibung

'S e seo a' chiad chruinneachadh de na sgeulachdan goirid aig Maoilios Caimbeul, a tha a' sìneadh gu iomadh àite, bho Pharis gu Ierusalem, bho Nis gu Henley-on-Thames. Tha feadhainn dhiubh èibhinn agus feadhainn eile nas doimhne agus tha iad a' dol air ais agus air adhart ann an tìm. Coinnichidh sinn ri teaghlach a chaidh a losgadh a-mach às an dachaigh aca ann am Bad an Loisgein anns an 19mh linn agus ri Cindy agus Dez a shiubhail gu Màrs agus air ais. Coinnichidh sinn ri Tim, am feòil-sheachnair à Glaschu agus ris an Urramach Bhaltair MacAnndrais agus am mèirleach a thug dùbhlan dha air an trèan. Tha an saoghal os-nàdarra a' suathadh ri ceithir de na sgeulachdan. Cruinneachadh tlachdmhor a bhios na adhbhar gàire agus na adhbhar smaoineachaidh don leughadair.

Das E-Book können Sie in Legimi-Apps oder einer beliebigen App lesen, die das folgende Format unterstützen:

EPUB

Veröffentlichungsjahr: 2021

Bewertungen
0,0
0
0
0
0
0
Mehr Informationen
Mehr Informationen
Legimi prüft nicht, ob Rezensionen von Nutzern stammen, die den betreffenden Titel tatsächlich gekauft oder gelesen/gehört haben. Wir entfernen aber gefälschte Rezensionen.



BUINIDH MAOILIOS CAIMBEUL do Stafainn san Eilean Sgitheanach far an do rugadh e, ged a tha ceangal aige cuideachd ri Nis ann an Leòdhas, an sgìre às an robh athair. Bha e a’ teagasg Gàidhlig san Àrd-sgoil airson bhliadhnaichean. Leig e dheth a dhreuchd ann an 2004 agus on uair sin tha e air a bhith ag obair bhon taigh.

Tha e air a bhith a’ sgrìobhadh bàrdachd, nobhailean do dh’òigridh agus sgeulachdan goirid o chionn fhada. Nochd na sgeulachdan goirid aige ann an irisean mar Steall agus Northwords Now/Tuath. Tha e air ochd nobhailean cloinne a sgrìobhadh agus mòran leabhraichean bàrdachd. Bhuannaich an nobhail mu dheireadh a sgrìobh e, An Triùir agus Lùbag, an duais aig Mòd Loch Abar ann an 2017 airson an leabhar a b’ fheàrr airson òigridh ‘a chaidh a chur an clò thairis air a bhliadhna a chaidh seachad’. Fhuair an leabhran bàrdachd Gràs/Grace an dàrna àite ann an ‘Duais Dhòmhnaill Meek’ ann an 2019. Tha nobhail òigridh, Moilidh agus Doilidh: Na Fuadaichean bho Shealladh nan Caorach, a’ feitheamh ri a foillseachadh.

Tha Maoilios air a bhith na bhàrd urramach aig Comann Gàidhlig Inbhir Nis bho 2012. Tha e na chompanach urramach den ASLS. Bha e air a chrùnadh mar bhàrd a’ Chomuinn Ghàidhealaich ann an 2002.

A’ chiad chlò 2021

ISBN: 978-1-80425-004-4

© Maoilios Caimbeul 2021

Clàr-Innse

Buidheachas

Am Ministear ’s am Mèirleach

Màireag ’s an Coileach-Frangach

Borisina

Droch Latha aig Patch

‘Anachronism’

Am Feòil-sheachnair

An Doras Seunmhor

An Clisgeadh

‘Leig Leatha Losgadh’

An t-Aislingiche

Mar a Bhruidhneas Cuimhne

An Naidheachd bho Mhàrs

Ri Aghaidh na Creig

Aileas

An Claigeann aig Damien Hirst

An Tidsear agus na Fiaclan Fuadain

Baile Sgàil a’ Bhàis

Caol-theàrnadh

Eadar a’ Chlach ’s an t-Iarann

Na Dèideagan

A’ Cheist a bh’ aig Ling

Dha Mairead agus mar chuimhneachan

air m’ athair is mo mhàthair

Buidheachas

BU THOIGH LEAM taing mhòr a thoirt do luchd-obrach Comhairle nan Leabhraichean, Alison Lang, John Storey agus Màiri NicCumhais airson a’ chuideachaidh a thug iad dhomh ann a bhith a’ toirt an leabhair sa gu buil. Cuideachd, mo thaing dhan Chomhairle airson an Tabhartas Bharantais a thug dhomh cothrom sgeulachdan ùra a sgrìobhadh.

Mo thaing cuideachd do Ghavin MacDougall aig Luath Press airson ùidh a shealltainn anns an obair agus dhan neachdeasachaidh aca, Joan Nicdhòmhnaill airson a cuideachaidh, agus do Bheathag Mhoireasdan airson sùil a thoirt air an teacsa.

Nochd cuid de na sgeulachdan roimhe seo ann an irisean agus eile mar a leanas. Na Dèideagan agus A’ Cheist a bh’ aig Ling ann an Northwords Now; Caol-theàrnadh agus An Tidsear agus na Fiaclan Fuadain ann am Mealladh, Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig, 2013; An Claigeann aig Damien Hirst san leabhar leis an aon ainm, CLÀR, 2009; Baile Sgàil a’ Bhàis, BBC Radio nan Gàidheal; Ri Aghaidh na Creig ann an Cha Sgeul Rùin e, Acair, 1995; Aileas agus Eadar a’ Chlach ’s an t-Iarann ann an Steall 01 is 03, CLÀR, 2016 is 2017.

Am Ministear ’s am Mèirleach

BHA AN T-URR Bhaltair MacAnndrais na chabhaig agus ea’ dèanamh air an trèana a bha a’ fàgail Stèisean Waverley ann an deich mionaidean. ’S math gun robh bruthach a’ dol sìos chun an stèisein. Sa mhadainn nuair a thàinig e à Inbhir Nis, bha aige ri dìreadh agus cha do chòrd e ris. Cha robh e a’ fàs càil na b’ òige ’s cha robh am baga leathair làn phasganan pàipeir na chuideachadh sam bith. Bha latha trang air a bhith aige ann an aon de chomataidhean na h-eaglaise agus bha e a’ coimhead air adhart ri fois fhaighinn air an trèana agus ’s dòcha norrag cadail a dhèanamh.

Ach fhuair e briseadh-dùil. Bha an trèana a’ cur thairis. Sa chiad charbad cha robh suidheachan air fhàgail ’s bha aige ri bruthadh tron t-sluagh cho math ’s a b’ urrainn dha airson faighinn chun an dàrna carbaid. Cha robh gin falamh an sin nas mò. ’S ann nuair a thàinig e chun an treas carbaid a chunnaic e aon suidheachan falamh. Bha duine òg na shuidhe an sin, agus bha an t-àite-suidhe mu choinneamh falamh.

Thug e an aire gun robh an t-òganach ag òl leann. Gu h-àbhaisteach, bhiodh e air suidheachan eile a roghnachadh. Cha robh e ag iarraidh a bhith an lùib duine air am faodadh an deoch a bhith fad na slighe gu Inbhir Nis. Ach cha robh roghainn eile ann. Bha baga dubh air an t-suidheachan.

Dh’fhaighnich e den òganach an robh an suidheachan mu choinneamh falamh.

Thuirt an t-òganach gun robh. Thog e am baga aige agus chuir e suas os a chionn e agus shuidh e air ais san t-suidheachan agus ghabh e balgam den leann.

Nuair a fhuair e suidhe bha cothrom aige sùil a thoirt air an duine òg. Bha e tana agus bàn san aodann agus bha e a’ coimhead caran nearbhasach, mar gun robh rudeigin a’ dèanamh dragh dha. Bha blas Dhùn Èideann air a ghuth. Ma bha e a’ smaoineachadh gum faigheadh e air norrag a dhèanamh, bha e fada ceàrr. Bha am fear òg seo ag iarraidh bruidhinn.

Chuir e iongnadh air gun tuirt e Rev ris. Dh’inns e dha gur h-ann a dh’Inbhir Nis a bha e a’ dol. Cha robh e a’ tuigsinn ciamar a bha fios aige gur e ministear a bh’ ann gus na chuimhnich e gun robh ainm sgrìobhte air a’ bhaga aige.

Thuirt e ris gun robh esan a’ dol an sin cuideachd. Ann an dòigh thug e cofhurtachd dha gun robh an duine òg cho deònach bruidhinn ris, ged a b’ e ministear a bh’ ann. Bhiodh gu leòr dhaoine òga ’s cha bhiodh iad ag iarraidh bruidhinn ri seann mhinistear, no ri duine sam bith. Mar a chunnaic esan iad, bhiodh iad gu math tric air na fònaichean-làimhe no ag èisteachd ri ceòl. Ach cha robh am fear òg seo. ’S ann a bha e ro dheònach bruidhinn. Cha robh stad a’ dol air aon uair ’s gun do dh’fhàg iad Waverley. Agus b’ ann mu dheidhinn fhèin a bha an còmhradh. Cha robh nàire sam bith air innse mu dheidhinn a bheatha, ged ann am beachd an Urramaich MhicAnndrais, bu chòir gu dearbh nàire mhòr a bhith air. Ach ’s dòcha gun robh an truaghan ag iarraidh a pheacaidhean aideachadh do chuideigin. ’S dòcha gun robh e a’ smaoineachadh gun robh ministear coltach ri sagart – duine dham faodadh tu do pheacaidhean aideachadh.

Dh’inns e gur e Billy a b’ ainm dha agus gur ann à Wester Hailes a bha e, sgìre ann an Dùn Èideann far an robh cuid den t-sluagh gu math bochd. Bha a mhàthair ag obair ann am bùth faisg air an togalach àrd anns an robh iad a’ fuireach. Bha bràthair aige, Tim, a bha dìreach air an sgoil fhàgail. Nuair a bha e ro òg airson cuimhne bhith aige, bha athair air a mhàthair fhàgail. Cha bhiodh ise a’ bruidhinn mu dheidhinn athar uair sam bith ’s cha robh sìon a dh’fhios aige cò a b’ athair dha no càit an robh e. Às dèidh an sgoil fhàgail, fhuair e obair bho àm gu àm le companaidh togail thaighean. Ach cha robh an obair cunbhalach agus bhiodh e uaireannan a’ dol mìosan gun obair a bhith aige.

Bha òganaich eile anns an nàbaidheachd san aon shuidheachadh. Bhiodh iad a’ coinneachadh air an oidhche agus ag òl agus a’ gabhail dhrogaichean. Glè thric cha bhiodh sgillinn ruadh aca airson an dòigh-beatha aca a shàsachadh. B’ e sin a thug e air an t-slighe chlaoin air an deachaidh e. Thòisich e fhèin agus a charaidean a’ briseadh a-steach a thaighean, chan ann anns an sgìre bhochd aca fhèin, far nach biodh dad a b’ fhiach a ghoid, ach anns na sgìrean a bu bheairtiche ann an Dùn Èideann, àiteachan mar Morningside agus Stockbridge. Bhiodh iad cuideachd a’ goid à bùithtean.

Bha am ministear air uabhasachadh leis na bha e a’ cluinntinn.

‘Fuirich mionaid,’ thuirt e ris an fhear a bh’ air a bheulaibh, ‘nach robh thu a’ faicinn gun robh na bha thu a’ dèanamh ceàrr?’

Thàinig stad air sruthtan an fhir òig. Choimhead e a-mach air an uinneig agus thug e sùil aithghearr air a’ bhaga aige air an sgeilp os a chionn.

‘Cha robh mi a’ tuigsinn an uair sin, ach tha a-nis.’ Bha a shùilean a’ priobadaich gu nearbhasach.

Chòrd e ri Bhaltair gun robh e ag aideachadh gun robh na rinn e ceàrr. Ma bha duine ag aideachadh a pheacaidhean, bha ancòmhnaidh dòchas ann dhaibh, ged nach robh Billy a’ coimhead uabhasach duilich airson na rinn e.

‘Uèl, ’s e toiseach tòiseachaidh a tha sin, ma tha thu a’ tuigsinn cho ceàrr ’s a bha thu,’ thuirt e, le beagan cruais na ghuth.

Cha do chuir na thuirt e no an cruas dragh sam bith air Billy. Chùm e air le sgeulachd a bheatha.

Chaidh breith air leis na Poilis uair is uair ach seach gun robh e cho òg aig an àm, cha d’ fhuair e am prìosan an toiseach. A’ chiad turas a thàinig na Poilis chun an taighe aige bha a mhàthair air a leamhachadh. Ged a bha i fhèin gu math bochd, cha do smaoinich i riamh air dad a ghoid. Bha i gu math fiadhaich ris agus ’s iomadh argamaid a bh’ aca. Ach dh’fheumadh e a’ mhiann a bh’ aige airson deoch agus drogaichean a shàsachadh agus cha do dh’èist e ri a mhàthair. Chùm e air a’ goid agus mu dheireadh fhuair e binn prìosain ochd mìosan deug. Chaidh a chur gu Polmont, ionad airson daoine òga a bha a’ briseadh an lagha, faisg air an Eaglais Bhric. Bha dìreach seachdain ann on a fhuair e ma sgaoil.

Bha an t-Urramach MacAnndrais a’ coimhead air gu dùrachdach. Rinn e dragh dha èisteachd ris an truaghan a bha mu a choinneamh. Bu thoigh leis an gille a chuideachadh, ach ciamar?

‘Carson a tha thu air an trèana seo?’ thuirt e. ‘Nach biodh e na b’ fheàrr dhut a bhith aig an taigh còmhla ri do mhàthair agus do bhràthair?’

Choimhead an t-òganach air le drèin. Ghabh e balgam den leann. ‘Chan eil i gam iarraidh, sin carson a tha mi a’ dol a dh’Inbhir Nis. Tha caraid agam ann, faodaidh mi fuireach còmhla ris-san.’

‘Chan eil do mhàthair gad iarraidh?’

‘Chan eil, tha i gu math fiadhaich rium. Chuir i a-mach às an taigh mi.’

‘Nach b’ urrainn dhut a ràdh rithe gu bheil thu duilich agus nach goid thu dad gu bràth tuilleadh?’

Dh’aom Billy a shùilean. Bha e a’ coimhead dubhach. ‘Cha chreideadh i mi,’ thuirt e le cinnt dheireannach na ghuth.

Bu thoigh leis a bhith air comhairle a thoirt dhan òganach seo, ach cha robh e ro chinnteach dè a’ chomhairle a b’ urrainn dha a thoirt dha. Cha b’ e comhairleach òigridh a bh’ ann. Cha tàinig e tarsainn air suidheachadh mar seo a-riamh. Smaoinich e air a’ choitheanal aige ann an Inbhir Nis. A’ chuid bu mhotha dhiubh, bha iad os cionn deich air fhichead agus an fheadhainn nach robh, bha iad gu math rianail modhail. Cha robh eucorach nam measg.

Cuideachd, bha e a’ tuigsinn carson nach creideadh a mhàthair e. A rèir choltais, bha an gille air a bhith ris an olc airson ùine fhada. Aon uair ’s gun cailleadh duine earbsa ann an duine, ged a b’ e eadhon a mac a bh’ ann, bha e doirbh fhaighinn air ais. Bha e follaiseach gur e teaghlach bochd dham buineadh e agus aon uair ’s gun tòisicheadh cearcall na bochdainn ’s nan drogaichean bha e doirbh faighinn air falbh bhuaithe. Ach an e ruith air falbh gu baile eile an nì a b’ fheumaile?

‘Agus dè a nì thu ann an Inbhir Nis?’ A bheil obair agad?’

Chrath Billy a ghuailnean. ‘Chan eil, ach ’s dòcha gum faigh mi obair.’

Uèl, smaoinich an t-Urr MacAnndrais, ma gheibh e obair nì e nas fheàrr na mòran. Cha robh na h-obraichean ach gann. Bha an t-òganach air dà chana leanna òl. ’S dòcha gun robh sin a’ toirt misneachd dha, no ga fhàgail coma co-dhiù. Dh’fhàg e na canaichean falamh air a’ bhòrd agus chaidh e dhan taigh bheag. Nuair a bha e air falbh, thug am ministear an aire gun robh an loidhne fhiosrachaidh os cionn an dorais ag ràdh gur e Peairt an ath stad aca. Cha bhiodh e fada gus an ruigeadh iad.

Nuair a ghabh Billy àite a-rithist mu a choinneamh, dh’fhosgail e cana eile. Gu h-iongantach, bha an gille sàmhach airson greis. Thug e a-mach fòn-làimhe ’s bha e ag obair leatha. Bha sin ga chumail gun dùrd a ràdh. Fhad ’s a bha sin a’ tachairt, bha an t-Urr MacAnndrais a’ feuchainn ri smaoineachadh air dòigh anns am b’ urrainn dha an t-òganach a chuideachadh. Nach e bha gòrach nach do smaoinich e air roimhe. An deagh sgeul aoibhneach. Nach e sin an t-adhbhar a thàinig an Slànaighear dhan t-saoghal seo airson daoine mar seo a chuideachadh. ’S dòcha gum faigheadh e cothrom mus ruigeadh iad Inbhir Nis an soisgeul a mhìneachadh dha. ’S dòcha gun deachaidh a chur anns an dearbh shuidheachan seo airson sin a dhèanamh.

Thòisich daoine a’ faighinn deiseil airson tighinn den trèana. Bha iad a’ tighinn faisg air Peairt.

‘Peairt,’ thuirt e ris a’ ghille, ‘tha sinn gu bhith aig Peairt.’

Ghnog am fear eile a cheann.

Stad an trèana aig an stèisean agus thaom daoine a-mach agus a-steach. Thug am ministear an aire gun robh am fear òg clisgeach. Bha sùil dhian aige air an trannsa mar gum biodh e a’ coimhead airson cuideigin. Agus bha adhbhar aige. Stad dithis fhear aig a’ bhòrd agus choimhead iad gu dian air an òganach. Thug an dithis aca cairtean a-mach à pòcaidean an còtaichean agus smèid iad iad mu choinneamh an fhir òig.

‘Oifigearan Poilis,’ thuirt am fear bu mhotha. ‘Tha sinn a’ creidsinn gur tusa Billy Young à Wester Hailles.’

‘Mise Graham Dodds,’ arsa Billy.

‘Chan eil mi a’ smaoineachadh gur tu, thoir dhomh am fòn agad,’ thuirt an t-oifigear.

Bha am fòn na laighe air a’ bhòrd. Cha robh dad ann a b’ urrainn dha a dhèanamh. Bha fios aige gun robh e glacte. Dh’aidich e gur e esan Billy Young.

‘Seall dhuinn do chas,’ thuirt an t-oifigear. ‘Bu chòir tag a bhith air.’

Sheall e a chas dhaibh ach cha robh tag no tag air a chas. Dh’innseadh an tag dha na Poilis ma bha e air an taigh fhàgail. Bha aige ri aideachadh gun robh e air an tag a ghearradh dheth agus gun robh e aig an taigh ann an Dùn Èideann.

Sheall iad an taobh a bha an t-Urr MacAnndrais. Chitheadh iad gun robh e air uabhasachadh leis na bha a’ tachairt. ‘Tha sinn duilich dragh a chur oirbh,’ thuirt am poileasman mòr. ‘Bha sinn a’ lorg an fhir seo, fhuair sinn fios gun robh e air an trèana. Cha robh e a’ cur dragh oirbh, an robh?’

‘Ò, cha robh idir, bha e ag innse mu dheidhinn fhèin. Tha mi duilich gu bheil e ann an staing.’

‘Staing mhòr, tha eagal orm.’

Chuir e aire air a’ ghille. Thug iad air am baga aige a chur air a’ bhòrd. Dh’fhosgail e siop a’ bhaga. Bha e làn de stuth a chaidh a ghoid – uaireadairean, fònaichean-làimhe, seudraidh òir agus airgid agus diofar òrnaidean.

Bha beul a’ mhinisteir fosgailte. Cha mhòr gum b’ urrainn dha a chreidsinn na bha e a’ faicinn. Bha an t-òganach a’ coimhead ciontach, mar a bu chòir dha a bhith, agus a’ seachnadh coimhead air gu dìreach. Bha e leamh, cha robh cothrom gu bhith aige bruidhinn ris mu anam. Thug na Poilis rabhadh dha agus chuir iad glas-làimhe air, ach mus do dh’fhalbh iad leis, thug e Bìoball às a bhaga, an t-aon Bhìoball a bh’ aige leis agus a bhiodh ancòmhnaidh aige nuair a bhiodh e a’ dol air turas.

Shìn e dha Billy e. ‘Leugh seo nuair a bhios tu anns a’ phrìosan, ’s dòcha gun dèan e feum dhut.’

Bha e smaoineachadh an toiseach gun robh e a’ dol ga dhiùltadh, mar nach robh e a’ tuigsinn dè bha a’ tachairt, ach mu dheireadh ghabh e e.

‘Tapadh leibh,’ thuirt e, mar a bha iad a’ dealachadh, ‘tha mi duilich.’

Choimhead e às a dhèidh agus iad a’ coiseachd leis sìos àrdùrlar an stèisein agus am Bìoball aige na làimh.

Màireag ’s an Coileach-Frangach

‘DIUG, DIUG, DIUG!’ arsa Màireag, agus i aig doras an taighe.

Thàinig Calum, an coileach-Frangach na ruith thuice a-mach às an t-seada. ’S e eun brèagha geal a bh’ ann le amhaich chaol, fhada, agus bha e gu math càirdeil. On an latha a fhuair iad e anns an t-Sultain, bha piseach math air tighinn air. Bha sin o chionn còrr is dà mhìos. Cha b’ fhada gus am biodh e deiseil airson dìnnear na Nollaige.

Thilg i sìol dha air an talamh agus ghabh e thuige le deòin.

Chuimhnich i mar a fhuair iad Calum, mar a thàinig Rob dhachaigh aon latha san t-Sultain agus fiamh dìomhair air aodann.

‘Tha rudeigin agam sa phick-up,’ thuirt e na dhòigh shomalta fhèin.

‘Ò, dè tha sin?’ ars ise.

‘Trobhad is faic.’