7,55 €
The Gaelic Literature Awards 2020 Best Unpublished Manuscript for Adults - Linne Dhomhain by Alistair Paul. Ordinary people. Everyday situations. Extraordinary outcomes. One small twist of fate and the normal turns to the fantastic. And so, the book's characters are propelled into the world of the marvellous, the supernatural and the surreal; not to mention the ridiculous; where they wrestle with their demons, their desires and their failings. Sometimes they triumph. Sometimes life triumphs. Their stories take us from the familiar shores of the Highlands through the smoky streets of Glasgow and the industrial heartlands of the North of England to the sun-scorched African Savannah. Taking inspiration from local folklore on the island of Arran, traditional Gaelic storytelling themes and techniques are weaved into modern topics such as relationships, drug use and mental illness. Take a walk up the glen and dive into the deep pool.
Das E-Book können Sie in Legimi-Apps oder einer beliebigen App lesen, die das folgende Format unterstützen:
Veröffentlichungsjahr: 2021
ÀS DÈIDH DO ALISTAIR PAUL a bhith a’ siubhal Bhreatann an cois diofar obraichean sheatlaig e ann an Eilean Arainn o chionn fichead bliadhna far a bheil e ag obair na ghàirnealair. B’ e an ùidh a bh’ aige ann an eachdraidh is dualchas an àite a thug air Gàidhlig ionnsachadh. Dh’fhoillsich e cruinneachadh dà-chànanach de cheòl is dualchas an eilein ann an 2010 agus tha e air a bhith an sàs ann an sgrìobhadh na Gàidhlig bhon uair sin. Ann an 2018 ghlèidh e Duais nan Sgrìobhadairean Ùra, agus ann an 2020 ghlèidh an cruinneachadh sgeulachdan seo an duais airson na làmh-sgrìobhainn as fheàrr do dh’inbhich anns Na Duaisean Litreachais.
A’ chiad chlò 2021
ISBN: 978-1-910022-85-6
Gach còir glèidhte. Tha còraichean an sgrìobhaiche mar ùghdar fo Achd Chòraichean, Dealbhachaidh agus Stèidh 1988 dearbhte.
Chuidich Comhairle nan Leabhraichean am foillsichear le cosgaisean an leabhair seo.
© Alistair Paul 2021
Gu mo mhàthair, Eleanor Rae Paul
Clàr-innse
Tàladh Na Mara
Aiseag
Meur-loidhne na Beatha
Saor-thoil
Fois-làrach: Sgeul Gaoil
Saighdear an Fhortain
Linne Dhomhain
A’ Bhetsy Mae
Am Fìdhlear Taibhse
Mo Mhàthair, Am Madadh-allaidh
Eilean Bhòid
Sìos Gu Tuath
Sìtheanan
Tàladh Na Mara
DH’IARR I AIR luchd-frithealaidh an àite an t-sèithear aice a chur mu choinneamh na h-uinneige is chuireadh i seachad na h-uairean a’ coimhead a-mach an sin gu muir, na sùilean aice ag obair thar fàire is stuagh; air ais is air adhart, air ais is air adhart. ‘Seo na pileachan agaibh a Mhòr, m’ eudail,’ chanadh na nursaichean. Ghnogadh i a ceann gun a sùilean a thoirt far an t-seallaidh roimhpe. No, ‘An e mions no iasg a ghabhas sibh an-diugh?’ ‘Iasg a ghabhas mi,’ is dhèanadh i faite-ghàire. Cha b’ e gun robh i mì-mhodhail, dìreach gun robh i fa leth na dòigh bho chàch. Bu ghann a bhiodh i a’ dol an cuideachd an luchd-còmhnaidh eile.
‘Mam. Tha mi an seo.’ B’ e a nighean, Ruth, a bh’ ann aig doras an t-seòmair aice. Chaidh Ruth a-null gu a màthair is shuidh i air an t-sèithear ri taobh. Airson tiotan thàinig Mòr air ais gu làithreachd an rùim bhig. Thog i a sùilean, ‘Ruth!’ A-mach às na trì pàistean a bh’ aice na beatha, sin mac is dithis nighean, b’ e Ruth an aon dhiubh a thadhladh air Mòr gu cunbhalach. B’ ise a b’ fhaisge dhi. B’ ise bu choltaiche rithe. Dh’fhan an dithis an uair sin nan tost greis a’ coimhead a-mach air an uinneig gun facal eatarra.
Thug Ruth am fòn aice a-mach às a pòcaid, ‘Tha Tòmas air tòiseachadh aig an oilthigh,’ thuirt i. Sheall Mòr air dealbh a h-ogha air a fòn; esan air a chuairteachadh le daoine òga eile, uile le smig air am beòil is boillsgeadh nan sùilean. ‘Tha coltas toilichte air,’ thuirt i. Bha na bloighean de chòmhradh sin, eadar nighean is màthair, nam boinneagan solais anns an dubharachd; seudan, mar na meanbh-chreutairean bruichneach a nochdas am maise tiotan ann an doimhneachd a’ chuain mus meath iad dhan dorchadas às ùr.
Bha tòrr fhaileasan gam falach san dorchadas. B’ e athair Thòmais fear dhiubh sin; fear a thàinig is a ghin leanabh ann am broinn Ruth, ach nuair a thàinig suarachas an duine am bàrr fhuair i cuidhteas e. B’ e sin an seòrsa tè a bh’ innte; tè làidir na h-inntinn nach seasadh ri droch-dhìol. Bha i mar a màthair. Carson a-rèiste a sheas a màthair ri 40 bliadhna de shuarachas bho h-athair? Faileas eile. A rèir na mòr-chuid b’ e athair math a bh’ anns an duine aig Mòr – fear a chuir seachad a bheatha a’ cosnadh do a theaghlach. Ach ’s e an fhìrinn gur e fear eudach a bh’ ann a chùm fo smachd teann a bhean, a chuir seachad a beatha pòsta fo bhraighdeanas dha. Cha robh ceist gum biodh i an cuideachd fireannaich eile uair sam bith gun esan a bhith còmhla rithe. B’ ainneamh a gheibheadh i fiù ’s cead a dhol a-mach còmhla ri a caraidean.
Neònach, smaoinich Ruth, gur e ar pàrantan na daoine as fhaisge oirnn ach gur iad as lugha as aithne dhuinn. B’ e seanchas na màthar an aon sgeul a lean ri Mòr cho fàd ’s a b’ aithne do Ruth; tè a fhritheil feumalachdan a teaghlaich. An robh a màthair ann fiù ’s mus robh i pòsta. Nan robh, cha b’ aithne do Ruth cò i. Ro fhadalach airson faighneachd.
‘Tha mi air a bhith a’ clìoradh cuid dhen stuth san lobht.’ Bha Ruth air a guth a thogail.
‘Chan fheum thu èigheachd Ruth.’
Thog Ruth poca plastaig bhon làr is chàraich i ri taobh a màthar e. ‘Seall na fhuair mi. Seann chòta no rudeigin. Chaidh fhalach an sin fo bhrat. Carson a dh’fhalaicheadh cuideigin an sin e?’ Thug Ruth pòg do a màthair is thog i oirre a dh’ionnsaigh an dorais.
Thàinig guth fann a màthar às a dèidh, ‘Tapadh leat a ghràidh. Is tus’ an aon duine a thuig cò mi.’
‘Cha bu luaithe a bha Ruth a-mach air an doras na shìn Mòr a corragan a-steach dhan phoca gus an do bhean iad ris a’ bhian mhìn na bhroinn.
***
B’ ann air an ath mhadainn a fhuair Ruth a’ ghairm don dachaigh-cùraim. Thug an nurs a-steach i. ‘Am bu mhath leibh ur màthair fhaicinn?’ thuirt i ri Ruth.
‘Bu mhath.’
An sin, air an leabaidh, bha a bodhaig na sìneadh, ach cha b’ e Mòr a bh’ ann ach craiceann falamh. Chaidh Ruth a-null dhan chladach is sheas i an sin a’ coimhead a-mach gu muir. Thog i dòrnag. Dh’fhairicheadh i suailichean a’ luasgadh is sruthan a’ cuairteachadh. Dh’fhairicheadh i blàthachadh gathan na grèine. Dh’fhairicheadh i tarraing na gealaich. Bha Ruth coltach ri a màthair. Chunnaic i faileas san uisge. Tonn a’ leum. ’S dòcha. Creutair a’ mireadh san fhairge. ’S dòcha.
Aiseag
’S E RUD taitneach a bhith nad shuidhe air a’ bhàt’-aiseig is deagh leabhar agad nad làimh. Uallaichean làitheil air do chùl is gun dòigh agad faighinn thuca. Dhèanadh Màiri Nic a’ Phearsain gàirdeachas ris a’ ghreis de dh’fhois a bheireadh a turas seachdaineil gu tìr-mòr dhi. Gach Dihaoine a-mach air a’ bhàta aig 8.20 – na dleastanas gnothach ri choileanadh, na rudan a bha dhìth oirre a cheannach is, nan robh tìde aice, coinneachadh ri seann charaid gus film no dealbh-chluich a choimhead. Air ais air a’ 16.40.
Ged a bha Màiri air a dreuchd a leigeil dhith bha e na gnè a bhith dripeil is bha i ri plòigh air choreigin daonnan. Bho ghluais i air ais dhan eilean, is iomadh buidheann is iomairt anns an robh i an sàs. Ach taobh a-muigh na h-obrach seo ’s ann ainneamh a bhiodh i an cuideachd muinntir an àite. Chanadh cuid gun robh i caran fad às is fa leth bho chàch; fiù ’s rud beag mòrchuiseach. Cha rachadh i fhèin às àicheadh gun robh i buailteach a bhith na snob aig amannan. Cha b’ e nach robh cuideachd dhaoine eile a’ còrdadh rithe ach gun robh i rud beag àilgheasach mu cò leis a bhiodh i a’ cur seachad ùine. Nan robh i gu bhith a’ cosg na h-ùine phrìseil aice, b’ fheàrr leatha gun tigeadh toradh às.
’S e an t-seòrsa cuideachd a thigeadh ri a càil a’ chuideachd a gheibheadh i le Mairead, an tè ris an robh i gu bhith a’ coinneachadh nas fhaide dhen latha. Bha na bliadhnaichean mòra air a dhol seachad ann am priobadh na sùla bhon a bha iad san oilthigh còmhla ach chùm iad an-àirde ri chèile is bha e fhathast na chleachdadh aca a bhith a’ tighinn còmhla nuair a bhiodh cothrom ann. Ged as fhada bho thrèig dreachan an dà chaileig eireachdail air an taobh a-muigh bha iad a cheart cho geur nan eanchainn ’s a bha iad a-riamh. Bhon chiad diog a bhiodh iad an cuideachd a chèile bha iad nan cailinean a-rithist làn spionnaidh is beachdan làidir ’s iad a’ rèiteachadh an t-saoghail. Cha robh cuspair ann ris nach suathadh an còmhradh.
Ach gus an tigeadh iad còmhla b’ fheàrr le Màiri a bhith na h-aonar gun duine na cuideachd a mhaoladh gleus a h-inntinn is a teanga. Dùinte na saoghal fhèin. Ise is an leabhar aice, agus cupa cofaidh làidir bho chafaidh a’ bhàta air a’ bhòrd air a beulaibh. Bha beachd Màiri mu leabhraichean caran an aon rud ri a beachdan mu dhaoine, nan robh i gu bhith a’ caitheamh ùine orra b’ fheudar dhaibh a bhith tarbhach. Bha teachdaireachd còmhdach ealanta an leabhair aice follaiseach dha daoine a chitheadh e; seo leabhar inbheil agus is tuigseach an duine a leughadh e. Bha an teachdaireachd air a dhaingneachadh le teisteanas air a’ chòmhdach gun deach a thaghadh airson geàrrliosta Duais Booker.
Bha Màiri na suidhe ann an oisinn fhalaichte, shàmhach a’ bhàta air cùl a’ chidsin far nach bu chòir do dhuine dragh a chur oirre, a rèir mhodhan an aiseig. ’S iad na modhan seo na riaghailtean beaga do-labhairt, an ola a chumas cuibhlichean an eilein a’ dol. Tha iad gu sònraichte cudromach air an aiseag far am bi a h-uile neach a thèid innte na phrìosanach airson an tamaill a mhaireas an turas. San dòigh seo ’s ionann aiseag Chal Mac is prìosan àrd-thèarainteachd; ’s iad na riaghailtean sòisealta teann a chumas fo smachd an cunnart gun èirich buaireadh is mì-rian. Ma tha thu nad shuidhe an teis-meadhan a’ chafaidh le snodha-gàire air d’ aodann, cuiridh tu fàilte air cuideachd. Ma tha thu, mar a bha Màiri, nad shuidhe ann an oisinn dhùinte is gun sùil chàich a choinneachadh, b’ fheàirrde gun a dhol faisg ort.
Ach bu choma le Sìne Nic an t-Saoir modhalachd. Nan robh i airson facal fhaighinn air cuideigin, ’s i a gheibheadh e. Nuair a bu lèir do Mhàiri Sìne is i a’ dèanamh oirre, chùm i oirre a’ leughadh gun a sùilean a thogail bhon duilleig, ach bha fios aice nach biodh dol às ann. Thàinig cupa teatha Sìne sìos air a’ bhòrd le brag.
‘Daonnan ro làidir!’ ghrad-ghlaodh i. ‘Nas coltaiche ri teàrr na teatha. Chan eil e gu diofar cia mheud turas a chanas mi ri muinntir a’ chafaidh gu bheil mi ga h-iarraidh lag, bidh e ancòmhnaidh an aon rud. Bheir mi flasg leam an ath thuras.’ Rinn i suidhe. ‘Math d’ fhaicinn, a Mhàiri, m’ eudail.’
Thog i ‘Pàipear an Eilein’, am pàipear ionadail, às a’ bhaga aice is chuir i air a’ bhòrd e ri taobh a cupa tì. ‘An aon sgudal a th’ ann a h-uile seachdain,’ thuirt i. A dh’aindeoin a gearain bha e follaiseach bho staid liorcach nan duilleagan gun deach rùrachadh math a dhèanamh tromhpa. Thòisich i air gach artaigil ath-aithris is a chur ris leis an fhiosrachadh a bha aice fhèin is a bha, dha rèir, fada nas earbsaich co-dhiù. Cha b’ e riamh còmhradh ceart a bhiodh ann eadar Sìne is Màiri. ’S e rud dà-thaobhach a th’ ann an còmhradh ach is beag an ùidh a nochd Sìne riamh ann am beatha Màiri. A dh’aindeoin a h-uile oidhirp a dhèanadh Màiri gus a seachnadh gheibheadh Sìne thuice air dòigh air choreigin; b’ ann mar gun robh comas àraid aig Sìne a dh’innseadh dhi càit an robh Màiri aig àm sam bith na beatha.
Mar a b’ fhaide a lean seanchas Sìne ’s ann a b’ fhaide a chaidh inntinn Màiri air seachran. Dh’fhalbh i gu làithean a h-òige; dhan àm, o chionn fhada an t-saoghail, a bha Màiri is Sìne dlùth dha chèile, is iad san sgoil còmhla. Ach is iomadh car is lùb a thàinig nan rathad bhon uair sin. Bha aon char gu sònraichte a sheas a-mach an inntinn Màiri is a rinn sgaradh nach gabhadh a leigheas. Anns a’ bhliadhna mu dheireadh dhen sgoil ghabh Màiri nòisean do bhalach a bha anns an aon chlas. Ri linn ’s gun robh i ro dhiùid cha b’ urrainn dhi dad a dhèanamh mu dheidhinn is bha an suidheachadh ga buaireadh a latha ’s a dh’oidhche. Feumaidh gur ise an tè mu dheireadh sa chlas a fhuair a-mach gun robh Sìne a’ falbh le Gòrdan bho ghobaireachd sgreòid de chlann-nighean san trannsa. B’ e an rud a bu mhiosa mu dheidhinn gun robh fios aig Màiri nach robh fiù ’s ùidh aig Sìne anns a’ ghille ach gur e dìreach an aithne is an sodal a bha i a’ faighinn a chòrd rithe. Bhon uair sin bha Màiri air an tàmailt is am briseadh-dùil a thìodhlacadh gu domhain an cùl a h-inntinn. Cha robh ann ach amaideas cloinne. Nach e? B’ fhada bhon a bha i air cùl a chur ris a’ ghnothach, na beachd.
Ach nach iongantach mar as iad faireachdainnean ar tràthlàithean a dh’fhuiricheas leinn fad ar beatha. Fhuair Màiri gun robh na seann fhaireachdainnean sin air snàigeadh a-mach às na faileasan on a thill i dhan eilean; aonranachd, tàmailt is fearg an deugaire a bh’ innte an uair sin. Bha fèin-aithne Màiri stèidhte air gliocas is bha e ga buaireadh gun robh i a’ smaoineachadh mar chaileag trì bliadhna deug a dh’aois. Feumaidh gun robh dòigh ann na smuaintean fhuadachadh. Bha seann lot air fhosgladh às ùr agus b’ i Sine an salann a bha ga shuathadh a-steach gach turas a chitheadh i am boireannach.
Gus dèiligeadh ris a’ mhulad aig an àm ud theann Màiri gu dìcheallach ri a h-obair sgoile. Às dèidh greis fhuair i a-mach gun robh e a’ còrdadh rithe is a bharrachd air sin bha i a’ faighinn toileachas às a’ mholadh is an aithne a gheibheadh i bhon adhartas a bha i a’ dèanamh. Ann an ùine gun a bhith fada bha i aig bàrr a’ chlas is dh’fhàg i an sgoil na dux.
Lean inntinn Màiri oirre a’ siubhal tro na bliadhnaichean. An latha a fhuair i dearbhadh gur i an aon tè anns a’ chlas a bha gu bhith a’ dol dhan oilthigh. An litir a fhuair i a dh’innis gun robh àite aice san oilthigh a b’ annsa leatha is a’ ghrian a’ deàrrsadh oirre tro uinneagan na sgoile mar shamhla air an t-saoghal ri teachd làn dòchais a dh’fheith oirre. Roghnaich i bith-eòlas mar chuspair air sgàth na spèis a bha aice do nàdar a fhuair i ri linn a h-àraich ann an eilean dùthchail. Nuair a thàinig i dhan PhD aice b’ e mycology a thagh i mar chuspair, no a bhith ga chur ann am faclan a thuigeas a’ mhòr-chuid: rannsachadh fungais is bhalgan-buachair. Chuir seo iongnadh air cuid a bha eòlach oirre ’s iad dhen bheachd gur e rud caran mì-chneasta a th’ ann am balgan-buachair le buinteanas ri bàs is grodadh. Ach do Mhàiri b’ e rud mìorbhaileach a bh’ ann am fungas le farsaingeachd de dhiofar ghnèithean, gach tè le adhbhar bith àraid dhi fhèin. Chan e lus no ainmhidh a th’ annta ach rud fa leth le ròl deatamach do bheatha aca ri choileanadh. ’S iad a sheasas eadar beatha is bàs. ’S iad a bhreitheas air na tha air bàsachadh is a chruthaicheas beatha ùr às.
Na beatha phroifeiseanta sgrìobh Màiri grunn math phàipearan is aistidhean a nochd ann an irisean saidheansail. Bha i math gu sgrìobhadh is bha fèill mhòr air a cuid sgrìobhaidh am measg luchd-saidheans ri linn nach robh e cho tioram no duilich a leughadh ris an sgrìobhadh shaidheansail àbhaisteach. Cha eil teagamh mura b’ e gur e neach-saidheans a bh’ innte gur e deagh sgrìobhadair a bhiodh innte. B’ ann às dèidh dhi a h-obair a leigeil seachad a theann i ri bàrdachd is sgeulachdan goirid. Bha e na chomharra air cho math ’s a bha a cuid sgrìobhaidh gun deach corra phìos leatha fhoillseachadh ann an iris ealain.
A thaobh Sìne, cha do dh’fhàg ise riamh an t-eilean. Às dèidh dhi falbh le dòrlach bhalach, phòs i mus robh i fichead bliadhna a dh’aois. Cha do phòs Màiri idir. Ged a dh’fhalbh i greis le òigear aig an oilthigh, nuair a thàinig e gu aon ’s gu dhà bha a dreuchd nas cudromaiche dhi is chaidh an dithis air an slighean fa leth.
Shiubhail Màiri an saoghal an cois a h-obrach is i air àrd a dreuchd a ruighinn. Nuair a thàinig e gu bhith a’ sgur a dh’obair cha robh ceangal domhain aice ri àite sam bith is roghnaich i tilleadh gu eilean a h-àraich. Cha b’ e na daoine a thàlaidh i air ais ach am fungas. Ri linn gur e àite tais a th’ ann tha am pailteas fungais de dh’iomadh diofar sheòrsa ri lorg air an eilean. ’S iomadh latha sona a chur i seachad na h-aonar bhon a ghluais i air ais gan siubhal am measg nan coilltean is thar nan raointean.
Ged as fheàrr a dh’aithnichear fungas air an cuid bhalgan a nochdas air uachdar na talmhainn ’s e na tha dol fon talamh a ghlac ùidh Mhàiri. Sin far an tèid an obair a dhèanamh. Sin far an sgap lìonra farsaing de dh’fhileamaidean a’ sireadh an stuth organaich a bheir beatha dhaibh, meuran fada a bheanas ris a h-uile rud a bha uair beò no a tha fhathast beò. Bha a ceann làn fiosrachadh iongantach mun t-saoghal fhalaichte seo; gu bheil a h-uile lus an eisimeil fungas gus a bhith beò, gur e aon fhungas a lorgadh sna Stàitean Aonaichte an rud beò as motha san t-saoghal is a tha nas fhaide na trì cilemeatairean bho cheann gu ceann, gu bheil na milleanan de dhiofar ghnèithean fungais a’ tighinn beò air talamh. Chan eil fios aig duine air an ainmean uile ach bha Màiri eòlach air cuibhreann math dhiubh. Bha e na chleas aice a bhith a’ ruith thairis air na h-ainmean Laideann na h-inntinn nuair a bha i a’ faireachdainn an-fhoiseil, no nach b’ urrainn dhi cadal, gus a socrachadh fhèin.
Bha inntinn Màiri a-nis a’ dol fodha, sìos fon talamh, a-steach dhan lìonra fhileamaidean, a’ siubhal tron ùir, a’ sireadh na bha air ùr bhàsachadh, ga bhriseadh sìos do na h-eileamaidean bunaiteach. Bha guth a’ tighinn thuice tro na fileamaidean; guth fann bho fad às mar gur ann tro thunail fhada.
‘A Mhàiri, a Mhàiri!’
Bha an guth a’ fàs nas àirde is nas àirde is ge b’ oil leatha bha Màiri a’ siubhal air ais thuige.
‘A MHÀIRI, A MHÀIRI. DÈ DO BHEACHD? INNIS DHOMH! CÙIS AN DOCTAIR ÙIR.’
‘Seadh, seadh. Cùis uabhais a th’ ann,’ fhreagair Màiri. Cha robh sgot aice cò air a bha Sìne a-mach ach bha fhios aice gur e siud an fhreagairt a dh’obraicheadh anns a’ chuid as motha de shuidheachaidhean.
Bha fhios aig Màiri gum biodh Sìne air iomraidhean-bàis a’ phàipeir a chumail chun an deiridh. B’ ann riuthasan a dhèanadh Sìne am mealladh às motha. B’ i Sìne fhèin a dh’innis do Mhàiri gun leughadh i a h-uile pìos naidheachd eile sa phàipear mus teannadh i orra, gus am biodh rudeigin aice ris am biodh i a’ coimhead air adhart. San àbhaist cha bhiodh annta ach colbh goirid, ach mas e duine aithnichte a choisinn cliù dhaibh fhèin nam beatha gheibheadh iad leth-dhuilleag no fiù ’s duilleag shlàn le dealbhan, gu tric air a sgrìobhadh le cuideigin a bha eòlach orra.
Leis gur e neach-saidheans a bh’ ann am Màiri bha Sìne dhen bheachd gun toireadh i barrachd soillseachaidh air adhbhar bàis na am beagan a rachadh innse sna h-artaigilean. Bha fhios aig Màiri gum biodh aice ri a h-aire a chumail air a’ cheasnachadh a bha ri thighinn ged a bha fhios aice gur beag a chuireadh i ris a’ ghnothach. Ach cha tàinig e. A rèir coltais cha robh gin ann an t-seachdain-sa. Ged a dh’aithris Sìne seo ann an dòigh coma co-dhiù bha fios aig Màiri gur e briseadh-dùil uabhasach a bhiodh ann dhi is cunnart ann gum milleadh e an t-seachdain oirre air fad. Bu chòir do dhaoine a bhith a’ bàsachadh aig an àm-sa dhen bhliadhna ghuidh Sìne no, mar a chuir i an cèill e, ’S e deireadh an fhoghair àm buain a’ bhàis.’
Ach cha rachadh stad a chur air cainnt Sìne is lean i oirre a’ ruith thairis air a h-uile rud suarach a thachair dhi sna beagan làithean a chaidh seachad. Dh’fhalbh inntinn Màiri air iomrall a-rithist. B’ e guth àrd boireannaich eile a tharraing air ais i bhon tuaineal aice an turas-sa. ‘Tha sinn gus ar ceannuidhe a ruighinn,’ ghlaodh an guth neo-chorporra. ‘Bu chòir do dhràibhearan is na tha siubhal còmhla ribh dèanamh air ur carbadan.’ Dh’fhairich Màiri am faochadh ’s e a’ sruthadh tro a cuislean mar gun deach eallach a thogail bhuaipe. Leis nach fhaigheadh i facal a-steach do chòmhradh Sìne air nach tàinig abhsadh, fiù ’s tron fhios-labhairt, thug i a-mach iuchair a’ chàir aice is chrath i air beulaibh Sìne i mar chomharra gum b’ fheudar dhi togail oirre. Dhinn i an leabhar a-steach dhan phoca-làimhe aice is le snodha-gàire falamh theich i.
***
An ath sheachdain, is bha Màiri air ais air a’ bhàta anns an aon shuidheachan is le cupa cofaidh làidir air a beulaibh. Thug i an leabhar aice a-mach às a baga is chuir i air a’ bhòrd e ri taobh a’ chupa. Cha robh i air beantainn ris bhon an t-seachdain a chaidh. Thòisicheadh i às ùr air, is fios aice gun robh deagh thamall de dh’fhois gu bhith fa-near dhi; fios aice nach biodh Sìne ga bodraigeadh an trup sa.
Chaidh Màiri a shàbhaladh bhon dòrainn le aingeal; an ‘Destroying Angel’ mar a chanar ris sa Bheurla, no Aminita virosa ann an Laideann. ’S e rud bòidheach a th’ ann an Aminita virosa; balg-buachair a tha cho geal ris an t-sneachda agus a bheir bàs cho dubh ris an Donas. Às dèidh ithe thig an dìobhairt ort taobh a-staigh latha. An uair sin thèid dòchas fuadain a thoirt dhut le latha no dhà de dh’fhaochadh, mus fàillig d’ adha is d’ àirnean. Ri linn nach eil mòran blais air, ma thèid làn spàin dheth, is e air a thiormachadh is air a bhruanadh, a chur ann an deoch le blas garg – can cupa tì làidir – chan aithnichear gu bheil e fiù ’s ann. Ma tha thu aosta is le trioblaidean adha is àirne agad mar-thà, is do-sheachanta am bàs a thig às a dhèidh, agus cha bhi fios aig duine gur e sin a chur às dhut.
Thug an uair sin Màiri lethbhreac de Phàipear an Eilein às a baga is thionndaidh i do na duilleagan deiridh, gu far an robh iomradh bàis Shìne. Leth-dhuilleag le ainm Màiri aig a’ bhonn. Am meadhan an artaigil bha dealbh de Shìne le Màiri ri taobh bho làithean an òige. Leugh i a-rithist e. Deagh artaigil! Bhiodh Sìne air a bhith moiteil às. Sheatlaig i i fhèin air ais san t-sèithear aice is dh’fheuch i ri a h-inntinn a shocrachadh mus teannadh i ris an leabhar aice. Thàinig na h-ainmean am bàrr; an toiseach Aminita virosa is an uair sin ainm a h-uile gnè fungais a bhiodh ri lorg ann an cladh an eilein is a bha a’ feitheamh aig an dearbh àm air bodhaig Sìne.
Armillaria mellea, Hypholoma fasciculare, Amanita muscaria, Lycoperdon perlatum, Coprinopsis atramentaria, Aleuria aurantia…
Meur-loidhne na Beatha
BHA I ANNS an àite cheart; Jenny Chaimbeul, aois 79. Sa flat bheag aice aig bonn a’ chlobhsa cha robh aice ris an staidhre a dhìreadh is bha i faisg air an doras-inntrigidh. Ach nas cudromaiche buileach dhìse bha i anns an àite far an cumadh i smachd air a h-uile rud a bha a’ dol anns a’ chlobhsa. B’ i a’ phrosbaig bheag am meadhan an dorais aice a sùil dhan t-saoghal bheag aice fhèin bhon a chitheadh i a h-uile nì a thachradh san aitreabh.
Is b’ ann gu teann an taic ris a’ phrosbaig a bha gluc a sùla andràsta is am post na sheasamh taobh a-muigh an dorais. Bha fios aice air a’ ghnogadh neo-aithnichte nach e am post àbhaisteach a bh’ ann. Gu dearbh nuair a chrùb i sìos pìos beag chitheadh i gur e aodann fir òig a bh’ ann ged a b’ e ìomhaigh fhiar dheth a fhuair i tron phrosbaig. Nuair a dh’fhosgail i an doras fhuair i fear seang le tuar mì-fhallain air a beulaibh an àite a’ bhodaich shultmhoir, Seòras, ris an robh i cleachdte.
‘Parsail dhuibh,’ thuirt e, ’s e a’ sìneadh bogsa dha h-uchd.
‘Bha mi an dùil ri Seòras.’
‘Tinn,’ fhreagair am post gu h-aithghearr.
Bu toil le Jenny còmhradh a chumail leis an fhear òg, is fios aice gur e caraid feumail a b’ urrainn a bhith ann am post. ’S iomadh bloigh fiosrachaidh a fhuair i bho Sheòras còir. Chan e gun canadh e dad a bhiodh gu tur an aghaidh riaghailtean dìomhaireachd, ach is tric a chanadh e gu leòr a thogadh beadachd Jenny. ‘Tha coltas dòigheil air Bill an-diugh,’ chanadh e. ‘Feumaidh gun d’ fhuair e deagh naidheachd.’ Bu Jenny an uair sin cù-seilge air tòir fàileadh gus am faigheadh i gu bun na cùise is i a’ tilgeil cheistean air ge bith cò a b’ urrainn a bhith an sàs sa ghnìomh is iad san dol seachad. Gu tuiteamach bhiodh i daonnan san àite cheart aig an àm cheart. ‘Bill, an tusa a th’ ann? Cha mhòr gun do dh’aithnich mi thu is coltas cho sona ort an-diugh.’ Dh’fhanadh i na tost gus am bìdeadh iad air a’ bhaoit. Bha fhios aig Jenny nach eil dad as fheàrr le daoine na bhith a’ bruidhinn mun deidhinn fhèin agus ’s ainneamh nach fhaigheadh i am fios a bha i ag iarraidh le beagan foighidinn is sodail.
B’ e Seòras a chuir an aire dhi gun robh na Moirich shuas an staidhre gus falbh mus tàinig latha an imprig an t-seachdain sa chaidh. ‘Tha a’ flat ud cho beag ’son teaghlach cho mòr,’ bha e air a ràdh. ‘Cha chuireadh e iongnadh orm ged a bhiodh iad a-mach à seo ann an ùine gun a bhith ro fhada.’ Bha Jenny an dùil san dòchas gum faigheadh i beagan fios bhon phost mu cò an nàbaidh ùr a bhiodh aice. Ach bha sùilean a’ bhalaich fad às mar gun robh e fhathast na leth-chadal is dh’aithnich i nach b’ fhiach e an oidhirp dad fhaighinn àsan. Cha robh i an dùil ri parsail is cha robh cuimhne aice air òrdugh a chur a-steach ’son greis. Ach ’s iomadh rud air nach robh cuimhne aice san latha a bh’ ann. Bu bheag an diofar; chòrd e rithe parsailean fhaighinn. Shoidhnig i air a shon is thug i a-steach e dhan flat aice.
Chàraich i am bogsa air bòrd-cofaidh san t-seòmar-suidhe. Bha an telebhisean air. Bhiodh an telebhisean daonnan air. Rinn i cupa teatha dhi fhèin is choimhead i gu deireadh a’ phrògraim às an t-sreath lorg-phoilis a b’ fheàrr leatha; Lewis. Bha i a-nis a’ gabhail fadachd am parsail fhosgladh. Fhuair i siosar bhon drathair is gheàrr i gu cùramach an teip bho mhullach a’ bhogsa. Phaisg i sìos clibeagan a’ mhullaich is ghreimich i ris a’ phìos pàipeir dhuinn a chòmhdaich an ulaidh a bha gu bhith a’ laighe fodha. Bhean bàrr a corragan ri plastaig sleamhainn: cha b’ e an fhaireachdainn a bu thaitniche a bh’ ann. Thog i am pàipear is fhuair i aodann boireann a’ coimhead suas oirre le sùilean falamh cruinn. Bha Jenny aosta ach cha robh i faoin; bha làn fhios aice dè a bh’ ann an doile shèidte.
Chuir i air ais am pàipear is phaisg i sìos mullach a’ bhogsa air a mhuin. Thug i sùil dhan t-seòladh; D Brown, an t-ainm a bha air. B’ e Daibhidh Brown an nàbaidh aig Jenny dà dhoras shuas aig ceann an trannsa. Fear diùid, dùinte. ’S ann ainneamh a gheibheadh i facal às, a bharrachd air ‘latha math’. Ri linn gum biodh e a-mach is a-steach an clobhsa aig uairean neochunbhalach b’ fhiosraich do Jenny nach robh obair sheasmhach no beatha rianail aig an duine.
***
B’ aithne dhi an ath ghnogadh a thàinig dhan doras aice na b’ fhaide air an fheasgar. Trì sgailcean pongail, goirid. B’ e sin Coinneach, an nàbaidh aice an ath-dhoras. Bha fhios aice air a cheum shlaodach gun robh latha sgìtheil air a bhith aige. Dh’fhosgail i an doras gu fear seang a’ teannadh ri meadhanaois; fear a bha uair eireachdail ach a-nis le coltas rud beag claoidhte air. Ach bha fhathast dealradh na shùilean is bha fios aig Jenny gum biodh barrachd spionnaidh san truaghan mura b’ e gun robh e fo dhaorsa aig a bhean. Bha fhios aice cuideachd nach robh cùisean air a bhith cho rèidh eadar an dithis o chionn greis a rèir na h-èigheachd is an troid a thigeadh tro na ballachan. Nam biodh i air a bhith dà fhichead bliadhna na b’ òige, dhèanadh i rudeigin ma dheidhinn, ’s i a dhèanadh! Bha e na chleachdadh aig Coinneach a bhith a’ tadhal air a’ chaillich a h-uile trì no ceithir làithean ach an robh dad a dhìth oirre. Sin an seòrsa duine còir a bh’ ann.
‘Thig a-steach. Thig a-steach.’ Chomharraich i dha le làmh an-fhann, rocach.
Chaidh iad tron trannsa dhan t-seòmar-suidhe far an robh am bogsa fhathast na laighe air a’ bhòrd. Leig Coinneach an dà phoca Tesco a bha aige na làmhan chun an làir. Dh’fhuasgail e a thàidh is chuir e na phòcaid i. Leig e osna. ‘Tha sin nas fheàrr,’ thuirt e. ‘Ciamar a tha sibh m’ eudail?’
‘O, tha ceart gu leòr, a ghràidh. Fhathast an seo co-dhiù. Latha trang a bh’ agad?’ dh’fhaighnich i dheth.
