6,71 €
George Orwell's timeless novel Animal Farm, one of Time magazine's 100 best English-language novels of all time, has been translated by Aonghas Pàdraig Caimbeul into Gaelic for the very first time. When the animals of Manor Farm revolt and take contrl from Mr Jones, they have hopes for a life of freedom and equality. However, when the pigs Napoleon and Snowball rise to power, the other animals discover that they may not be as equal as they had once thought. A tragic political allegory described by Orwell as being 'the history of a revolution that went wrong', this book is as relevant now - if not more so - as it was when it was first written.
Das E-Book können Sie in Legimi-Apps oder einer beliebigen App lesen, die das folgende Format unterstützen:
Veröffentlichungsjahr: 2021
RUGADH SEÒRAS ORWELL, no Eric Artair Blair mar a bh’ air, air 25 Ògmhios 1903 ann an taobh sear nan Innseachan, mac searbhanta catharra Ìmpireachd Bhreatainn. Fhuair e foghlam ann an Sasainn, agus nuair a dh’fhàg e sgoil Eton, ghabh e dhan Phoileas Innseanach Ìmpireil ann am Burma, a bha na choileanaidh de Bhreatainn aig an àm. Leig e seachad a dhreuchd ann an 1927 a’ cur roimhe a bhith na sgrìobhadair. Ann an 1928, chaidh e a Pharis ach dh’fhaillich air a bheò-shlaint a chosnadh le sgrìobhadh agus bha aige ri grunn obraichean suarach a ghabhail. Dh’innis e mar a thachair dha an sin na chiad leabhar, Down and Out in Paris and London, a chaidh fhoillseachadh ann an 1933. Ghabh e an t-ainm Seòras Orwell dìreach mus tàinig an leabhar a-mach. Nochd a’ chiad nobhail aige, Burmese Days, ann an 1934.
Ged a bha e na anarcach aig deireadh nan 1920an thòisich e a’ smaoineachadh air fhèin mar shòisealach anns na 30an. Ann an 1936 chaidh fhastadh gus cunntas a sgrìobhadh air bochdainn nam mèinnearan a bha gun chosnadh ann an ceann a tuath Shasainn, a nochd fon ainm The Road to Wigan Pier (1937). Aig deireadh 1936 shiubhail Orwell dhan Spàinn a shabaid air taobh nam Poblachdach an aghaidh Franco agus na Faisistich. Thàinig air teiche le bheatha bho Chomannaich Shòibhiatach a bha a’ gabhail smachd air sòisealaich reubhlaideach eile. Bha e riamh às dèidh sin gu tur an aghaidh luchd-leanmhainn Stàilin.
Eadar 1941 is 1943, bha e ag obair air propaganda airson a’ BhBc. Ann an 1943, chaidh e na neach-deasachaidh air an iris shòisealaich, Tribune, agus e a-nis trang na neach-naidheachd, a’ foillseachadh artaigealan, lèirmheasan is leabhraichean.
Ann an 1945, nochd Animal Farm, samhla-sgeul poilitigeach stèidhichte air tuathanas ach mu dheidhinn mar a bhrath Stàilin Aramach na Ruis. Choisinn e cliù dha Orwell agus airgead a rinn cinnteach nach biodh e bochd gu bràth tuilleadh. Thàinig Nineteen Eighty-Four, a sgrìobh Orwell air eilean Diùraidh, a-mach an ceann ceithir bliadhna. Bha an sgeul stèidhichte ann an deachdaireachd san àm ri teachd. Thug fiù an tiotal buaidh mhòr air daoine, agus dh’fhàs iomadh abairt bhon leabhar cumanta, leithid ‘Tha am Bràthair Mòr a’ cumail sùil ort’, ‘nuadh-chainnt’ agus ‘smuain dhùbailte’. Ach, mun àm seo bha slàinte Orwell a’ dol am miosad agus bhàsaich e leis a’ chaitheamh air 21 Faoilleach 1950.
THA AONGHAS PÀDRAIG CAIMBEUL à Uibhist a Deas, ged a chuir e seachad a bhliadhnachan mar dheugaire air Eilean Shaoil, deas air an Òban. Chaidh e gu Àrd-sgoil an Òbain far an robh Iain Mac a’ Ghobhainn ga theagasg. Às dèidh ceumnachadh le Urram ann am Poilitigs agus Eachdraidh o Oilthigh Dhùn Èideann dh’obraich e mar neach-naidheachd agus mar chraoladair. Tha e air grunn leabhraichean a sgrìobhadh. Nam measg, an nobhail An Oidhche Mus do Sheòl Sinn, an cruinneachadh bàrdachd Aibisidh a choisinn Duais Leabhar Bàrdachd na Bliadhna an Alba ann an 2011, agus an nobhail Bheurla Memory and Straw a choisinn duais Leabhar na Bliadhna aig Duaisean Litreachais Saltire ann an 2017. A bharrachd air an eadar-theangachadh seo dhen leabhar aig Seòras Orwell (Animal Farm) tha e cuideachd an-dràsta a’ sgrìobhadh na dàrna nobhail mu dheidhinn Constabal Murdo agus nobhail ùr Bheurla, Electricity.
‘Sgeul èibhinn is sgaiteach mu riaghladh na mòr-chuid leis a’ bheag-chuid’ THE GUARDIAN 1945
‘Thàinig e a-steach orm, nam biodh ainmhidhean a’ tuigsinn an cumhachd fhèin nach b’ urrainn dhuinn a bhith gan riaghladh, agus gu bheil daoine a’ gabhail brath air beathaichean dìreach mar a bhios na beairtich a’ gabhail brath air na bochd’ SEÒRAS ORWELL, BHO RO-RÀDH AN TIONNDAIDH UGRÀNIANAICH DEAnimal Farm, a’ mìneachadh mar a thàinig beachd thuige an nobhail a sgrìobhadh is e a’ coimhead balach an ceann eich-cartaich is ga chuipeadh gach turas a dh’fheuchadh e ri tionndadh.
Seo leabhar do na h-uile, do neach sam bith, agus tha a lasair gun mhùigeadh às dèidh caogad bliadhna’ RUTH RENDELL, LEABHRAICHEAN NA LINNE SAN DAILY TELEGRAPH
Is e Animal Farm aon de na samhla-sgeulan bheathaichean as ainmeil a th’ ann: dòigh-aithris ’s a bheil na h-ainmhidhean a’ gabhail feartan dhaoine agus a’ teagasg mu bheatha mhic an duine. Is iad samhlasgeulan Aesop, seann sheanchaidh Greugach (c. 620–564 BCE) as ainmeil ann an Litreachas Dhùthchannan an Iar. Suaicheanta airson cho soilleir, deas-bhriathrach ’s a tha iad, tha teachdaireachd mhoralta aig deireadh gach fear a chuireas leasan an sgeula an cèill. Le bhith a’ faicinn feartan dhaoine ann an caractaran nan ainmhidhean is urrainn don luchd-leughaidh beachdachadh air an giùlan fhèin.
MERCEDES AGUIRRE
Beachd Orwell air a’ Ghàidhlig
Aig aon àm bhithinn air a ràdh cho gòrach ’s a bha e seann chànan leithid Gàidhlig, nach eil air a bruidhinn ach le beagan cheudan mhìltean dhaoine, a chumail beò. A-nis, chan eil mi cho cinnteach. Sa chiad àite, ma tha cultar dhaoine prìseil dhaibh, agus an cànan na phàirt dheth, cha bu chòir cnapan-starra a chur nan slighe nuair a tha iad airson a thoirt dhan cuid cloinne. San dàrna àite, tha e buailteach gu bheil dà-chànanas na bhuaidh ann fhèin. Tha Beurla àlainn aig na croitearan Gàidhealach, ann am pàirt, saoilidh mi, airson gu bheil e, cha mhòr na chànan cèin dhaibh, nach cleachd iad ach ainneamh. Is coltaiche gu bheil iad a’ faighinn buannachd inntinn bho bhith ri faclairean is riaghailtean gràmair, rud air nach fheum luchd-tuatha Shasainn smaoineachadh. SEÒRAS ORWELL, TRIBUNE
Gu mo cho-obraichean air an leabhar seo. Mo thaing dhuibh uile.
Air fhoillseachadh an toiseach sa Beurla mar Animal Farm: A Fairy Story le Martin Secker & Warburg Earr., Lunnainn, 1945
A’ chiad chlò 2021
ISBN: 978-1-910022-92-4
Gach còir glèidhte. Tha còraichean an sgrìobhaiche mar ùghdar fo Achd Chòraichean, Dealbhachaidh agus Stèidh 1988 dearbhte.
Chuidich Comhairle nan Leabhraichean am foillsichear le cosgaisean an leabhair seo.
a’ Ghàidhlig © Aonghas Pàdraig Caimbeul 2021
Clàr-innse
CAIBIDEIL 1
CAIBIDEIL 2
CAIBIDEIL 3
CAIBIDEIL 4
CAIBIDEIL 5
CAIBIDEIL 6
CAIBIDEIL 7
CAIBIDEIL 8
CAIBIDEIL 9
CAIBIDEIL 10
CAIBIDEIL 1
BHA MAIGHSTIR MACIAIN O Thuathanas an Taighe Mhòir air na bothain-circe a ghlasadh son na h-oidhche, ach a chionn ’s gun robh an deoch air, dhìochuimhnich e na dorsan beaga a dhùnadh. Shiubhail e air fhiaradh dhachaigh le lanntair, thilg e dheth a bhòtannan aig an doras-chùil, dhòirt e glainne mhòr leann dha fhèin on tocasaid anns an sguilearaidh, agus rinn e a shlighe suas an staidhre dhan leabaidh, far an robh a bhean cheana na laighe le srann.
Cho luath ’s gun deach an solas às anns an t-seòmar-cadail thòisich gluasadan is sgiathalaich air feadh nam bàthchannan. Bha tuairisgeul air a dhol timcheall fad an latha gun robh aisling àraid air a bhith aig A’ Mhàidsear, an t-seann arcmhuc mhòr gheal, an oidhche roimhe, agus gun robh e airson an aisling innse dhan a h-uile creutair eile. Bha iad air aontachadh gun coinnicheadh iad uile anns an t-sabhal mhòr aon uair ’s gun robh Maighstir MacIain gu sàbhailte a-mach às an rathad. Bha a leithid a mheas aig na creutairean eile air A’ Mhàidsear Mhòr (mar a bh’ ac’ air, ged a chaidh a thaisbeanadh aig an Fhèill mar An Àilleachd Bhàn) gun robh iad toilichte gu leòr uair de chadal a chall gus èisteachd ris.
Aig aon cheann dhen t-sabhal, air seòrsa de dh’àrd-ùrlar, bha Am Màidsear cheana na shuidhe air a’ leabaidh chonnlaich, fo sholais lanntair a bha a’ crochadh bho chabar-fiodh. Bha e dusan bliadhna a dh’aois agus air fàs caran reamhar o chionn ghoirid, ach le coltas glic agus coibhneil a dh’aindeoin ’s nach deach na bioragan aige riamh a ghearradh. Cha robh fada gun do nochd na creutairean eile gan dèanamh fhèin cofhurtail nan diofar dhòighean. An toiseach thàinig na trì coin, Brogag, Seasag agus Bìdeag, agus an uair sin na mucan, a laigh sìos sa bhad anns a’ chonnlaich air beulaibh an àrd-ùrlair.
Stob na cearcan iad fhèin air sailean nan uinneagan, dh’itealaich na calmain suas dha na cabair, agus laigh na caoraich agus an crodh sìos air cùlaibh nam mucan ag ath-chagnadh. Thàinig an dà each-chartach, Bogsair agus Seamrag, a-steach còmhla, a’ coiseachd gu slaodach agus a’ cur sìos an crubhan mòra gaoisideach gu faiceallach, air eagal ’s gun robh creutair beag air choreigin a’ gabhail fasgadh anns a’ chonnlaich.
B’ e làir reachdmhor mhàthaireil a’ teannadh air meadhanaois a bh’ ann an Seamrag, nach d’ fhuair riamh a cumadh air ais às dèidh a’ cheathramh searrach. B’ e creutair mòr tapaidh a bh’ ann am Bogsair, cha mhòr sia troighean a dh’àirde, agus cho làidir ri dà each àbhaisteach còmhla. Bha stiall gheal sìos a shròin a bha ga fhàgail a’ coimhead caran gòrach, agus gu dearbha cha robh eanchainn cho math sin aige, ged a bha spèis is urram mòr air a thoirt dha airson a stòltachd agus a chomasobrach iongantach.
Às dèidh nan each nochd Muriel, an gobhar bàn, agus Beniàmin an t-asal. B’ e Beniàmin an creutair a bu shine a bh’ air an tuathanas agus a bu chrosta. B’ ann glè ainneamh a chanadh e sìon, agus nuair a chanadh, b’ e rudeigin caran searbh a chanadh e – mar eisimpleir, chanadh e gun robh Dia air earball a thoirt dha airson na cuileagan a chumail air falbh, ach gum biodh e na b’ fheàrr dheth gun earball agus gun chuileagan. B’ e an aon chreutair air an tuathanas nach biodh a’ dèanamh gàire uair sam bith. Nam faighnicheadh tu dha carson, fhreagradh e nach robh e a’ faicinn sìon son gàireachdainn mu dheidhinn. Ach a dh’aindeoin sin uile, ged nach aidicheadh e e, bha e uabhasach dèidheil air Bogsair; bhiodh an dithis aca a’ caitheamh nan Sàbaidean aca anns an achadh bheag uaine shìos seachad air lios nan ùbhlan ag ionaltradh taobh a chèile gu socair, sàmhach gun fhacal eatarra.
Bha an dà each dìreach air laighe sìos nuair a thàinig àl thunnagan, a bha air am màthair a chall, a-staigh dhan t-sabhal a’ gàcail gu fann agus a’ siubhal o thaobh gu taobh feuch am faigheadh iad àiteigin far nach seasadh cuideigin orra. Rinn Seamrag seòrsa de chrò mun timcheall le a cas, agus laigh na h-iseanan sìos faisg oirre agus thuit iad nan suain chadail.
Aig a’ mhionaid mu dheireadh nochd Moilidh, an searrach gòrach brèagha bàn a bhiodh a’ giùlan cairt leòmach Mhaighstir MhicIain, a’ dannsa a-steach air a corra-biod agus a’ cagnadh cnap siùcair. Ghabh i àite shuas faisg air a bheulaibh, a’ sìor shuathadh a muing bhàn feuch am faiceadh a h-uile creutair cho àlainn agus a bha na ribeanan dearga a bha ga pleatadh.
Mu dheireadh dhiubh uile thàinig an cat, a thug sùil timcheall, mar as àbhaist, son an àite bu bhlàithe, agus a phronn e fhèin a-steach eadar Bogsair agus Seamrag; agus laigh e an sin a’ crònan gu toilichte fhad ’s a bha Am Màidsear ag òraid, gun èisteachd ri aon fhacal a bha e ag ràdh.
Bha a h-uile creutair a-nis an làthair ach dìreach Maois, am peata-fithich a bha na chadal air spiris air cùl an dorais. Nuair a chunna Am Màidsear gun robh iad uile cofhurtail agus a’ feitheamh ris gu furachail, rinn e casad beag agus thòisich e:
‘A chàirdean, tha sibh air cluinntinn mar-thà mun aisling àraid a bh’ agam a-raoir. Ach thig mi chun na h-aisling an ceartuair. Tha rudeigin eile agam ri ràdh an toiseach. Chan eil mi a’ smaointinn, a chàirdean, gum bi mi mòran mhìosan còmhla ribh a-nise, agus mus bàsaich mi tha mi a’ faireachdainn gur e mo dhleastanas am beagan gliocais a tha mi air a thogail a thoirt seachad dhuibh. Tha beatha fhada air a bhith agam, tha tòrr ùine air a bhith agam son beachdachadh mu ghnothaichean fhad ’s a bha mi nam laighe leam fhìn anns an stàball, agus saoilidh mi gun urrainn dhomh a ràdh gu bheil mi a’ tuigsinn nàdar na beatha air an talamh seo cho math le creutair sam bith eile a tha beò. Is ann mu dheidhinn sin a tha mi airson bruidhinn ribh.
‘Nise, a chàirdean, dè idir nàdar na beatha seo a tha againn? Innseamaid an fhìrinn – tha ar beatha dòrainneach, trom agus goirid. Tha sinn air ar breith, tha sinn a’ faighinn biadh gu leòr dìreach airson ar cumail beò, agus feumaidh an fheadhainn againn aig a bheil neart is comas obrachadh o mhoch gu dubh gus an toir sinn thairis; agus aon uair is nach eil feum aca oirnn tuilleadh tha sinn air ar spadadh gu brùideil grànda. Chan eil eòlas sam bith aig creutair ann an Sasainn air dè th’ ann an toileachas no ann an cur-seachad aon uair agus gu bheil e seachad air bliadhna a dh’aois. Chan eil creutair ann an Sasainn a tha saor. Chan eil ann am beatha creutair ach truaighe is tràilleachd: sin agaibh an fhìrinn ghlan.
‘Ach an ann mar sin a dh’fheumas cùisean a bhith? An e gu bheil am fearann seo cho truagh ’s nach toir e beòshlaint cheart dha na creutairean a tha a’ fuireach air? Chan e, a chàirdean, chan e agus chan e mìle turas, chan e! Tha fearann Shasainn torrach, tha an aimsir fàbharach agus tha e làn chomasach air pailteas bìdh a thoirt seachad gu fada fada bharrachd chreutairean na tha ann an-dràsta. Dh’fhaodadh an tuathanas seo air a bheil sinn beò fada a bharrachd a dhèanamh – dh’fhaodadh e dusan each a bhiathadh, agus fichead bò, agus na ceudan de chaoraich – agus a h-uile fear is tè dhiubh beò ann an cofhurtachd agus le uaisle air nach urrainn dhuinn buileach greimeachadh.
‘Carson ma-thà a tha sinn a’ cumail oirnn anns an t-suidheachadh sgràthail seo? A chionn ’s gu bheil cha mhòr a h-uile rud a tha sinn a’ dèanamh agus a tha a’ tighinn bhuainn air a ghoid bhuainn le mac an duine. Sin agaibh, a chàirdean, am freagairt dhan a h-uile trioblaid againn. Ann an aon fhacal – Daoine. Is e Daoine an aon nàmhaid da-rìribh a tha againn. Thoir mac an duine air falbh bhon bheatha seo, agus bhiodh am prìomh adhbhar airson acras is tràilleachd air falbh gu bràth.
‘Is e mac an duine an aon chreutair air thalamh a bhios a’ sìor ghabhail gun a bhith a’ dèanamh. Chan eil bainne tighinn bhuaithe, cha bhi e a’ breith uighean, tha e ro lag son an crann a ghiùlan, chan urrainn dha ruith luath gu leòr son coineanaich a ghlacadh. Ach a dh’aindeoin sin, tha e na thighearna air gach creutair. Bidh e gan cur a-mach a dh’obair dha, bheir e dhaibh an rud as lugha son an cumail beò, agus cumaidh e a’ mhòrchuid air a shon fhèin.
‘Is e sinne a tha ag àiteachadh na talmhainn, is e am buachar againne a tha ga mhathachadh, ach a dh’aindeoin sin chan eil sìon againn ach an craiceann tana a tha gar cumail ri chèile. Agus sibhse, a chruidh a tha air mo bheulaibh, cia mheud galan de bhainne a thug sibh seachad anns a’ bhliadhna chaidh seachad? Agus dè thachair dhan bhainne sin a bu chòir a bhith air a chleachdadh son laoigh thapaidh fhoghainteach àrach agus a thogail? Tha a h-uile boinne dheth air a dhol sìos amhaichean ur nàimhdean.
‘Agus sibhse, a chearcan, cia mheud ugh a tha sibh air a bhreith anns a’ bhliadhna chaidh seachad, agus cia mheud dhe na h-uighean sin a tha air blàthachadh a-steach nan iseanan? Tha a’ mhòr-chuid air a dhol dha na bùithtean airson airgead a dhèanamh do MhacIain agus a dhaoine. Agus thusa, Sheamrag, càit a bheil na ceithir searraich a ghiùlain thu, a bu chòir a bhith nan taic agus nan tlachd dhut nad sheann aois? Chaidh gach fear is tè dhiubh a reic nuair a bha iad dìreach bliadhna a dh’aois – chan fhaic thu do chuid chloinne gu bràth tuilleadh. Agus mar thaing airson do cheathrar chloinne agus airson gach obair a rinn thu anns na h-achaidhean, dè fhuair thu riamh ach a’ chuid as lugha agus oisean suarach ann an stàball?
‘Agus chan eil sinn fiù ’s a’ faighinn sìneadh beatha as d’ fhiach. Chan eil mi a’ gearain air mo shon fhìn, oir tha mise air a bhith fortanach. Tha mi a-nise dà bhliadhn’ deug a dh’aois, le còrr air ceithir cheud leanabh air a bhith agam. Sin agaibh beatha nàdarra na muice. Ach chan fhaigh creutair sam bith air falbh bhon sgithinn bhorb aig ceann an latha. A mhucan beaga, a tha nur suidhe an sin air mo bheulaibh, bidh sibh uile, a h-uile mac màthar agaibh, a’ sgiamhail leis a’ bhàs air a’ bhòrd mhòr taobh a-staigh na bliadhna.
‘Feumaidh sinn uile tighinn chun an uabhais sin – crodh, mucan, cearcan, caoraich, a h-uile creutair. Tha an aon rud an dàn dha na h-eich agus na coin bhochda. Thusa, a Bhogsair, an latha a chailleas na fèithean sgairteil sin agad an lùths, reicidh MacIain thu dhan bhùidsear, a ghearras d’ amhach agus a ghoileas d’ fheòil is do chnàmhan sìos son nan con. A thaobh nan con againn fhìn, nuair a dh’fhàsas iad sean is a chrìonas am fiaclan, ceanglaidh MacIain clach timcheall an amhaichean agus bàthaidh e iad shìos anns an loch.
‘Mar sin, a chàirdean, nach eil e cho soilleir ’s a ghabhas gu bheil gach olc a tha a’ tighinn oirnn sa bheatha seo a’ tighinn bho ùghdarras agus riaghladh mhic an duine? Ma gheibh sinn cuidhteas e, bidh toradh ar saothrach againn fhìn. Cha mhòr ann am priobadh na sùla bhiodh sinn beartach is saor. Dè, ma-tà, a dh’fheumas sinn a dhèanamh? Innsidh mi dhuibh – feumaidh sinn obair a latha is a dh’oidhche, corp is anam, airson an cinne-daonnda a shadadh a-mach às an rathad!