7,55 €
Dà Shamhradh ann an Raineach is a historical novel written in Scottish Gaelic. It is set in 18th century Edinburgh and rural Perthshire, 20 years after the Battle of Culloden, a time of rapid social change and development in areas such as medicine, printing, the Church, the Gaelic language and agriculture. The novel is based on the facts that are known of the life of Dugald Buchanan, the poet and schoolteacher who made a major contribution to the first translation of the New Testament into Gaelic from the original Greek. He oversaw the printing of the New Testament in Edinburgh in 1767, the same year in which his own book of Spiritual Songs was published. These poems were to become enormously influential throughout the Gaelic speaking world. The greater part of the novel describes the last two years of his life and is narrated by his wife, Margaret. She outlived him by over 40 years and was in a position to look back over the tragic events which had struck the Buchanan family. As a result, the story ultimately becomes her own as much as that of Dugald.
Das E-Book können Sie in Legimi-Apps oder einer beliebigen App lesen, die das folgende Format unterstützen:
Veröffentlichungsjahr: 2020
RUGADH GRAHAM COOPER ann an 1953. Thogadh e ann an Siorrachd Obar Dheathain far an robh e air a bheò-ghlacadh leis na h-ainmean-àite Gàidhlig a bha ceithir thimcheall air. Thug e a-mach ceum dotaireachd agus sgrìobh e tràchdas ann an Oilthigh Obar Dheathain. Dh’obraich e mar lannsair ann an Alba, Sasainn is Èirinn a Tuath, agus mar obraiche saor-thoileach ann an Nepal. Chuir e ri eòlas meidigeach le pàipearan air obair-lannsa.
Nuair a leig e dheth a dhreuchd, thòisich e air a’ Ghàidhlig ionnsachadh aig Club Gàidhlig Obar Dheathain. Eadar 2012 agus 2016, rinn e cùrsaichean aig Sabhal Mòr Ostaig. Aig a’ Mhòd ann an 2017, choisinn e Duais Dhòmhnaill Iain MhicÌomhair le sgeulachd ghoirid.
Tha Graham pòsta aig Eileen agus tha iad a’ fuireach ann an Siorrachd Obar Dheathain. Tha dithis nighean aca – Cairistìona agus Ceiteag – agus ogha, Eubha.
Tha e a’ còrdadh ri Graham a bhith a’ leughadh, a’ cluich giotàr is sacsafon, agus a’ bruidhinn ri a charaid dìleas anns a’ Ghàidhlig, Dòmhnall Iain MacLeòid, Glinn Eilg.
A’ chiad chlò 2019
eISBN: 978-1-913025-91-5
Gach còir glèidhte. Tha còraichean an sgrìobhaiche mar ùghdar
fo Achd Chòraichean, Dealbhachaidh agus Stèidh 1988 dearbhte.
Chuidich Comhairle nan Leabhraichean am foillsichear
le cosgaisean an leabhair seo.
Chaidh am pàipear a tha air a chleachdadh
anns an leabhar seo a dhèanamh
ann an dòighean coibhneil dhan àrainneachd,
a-mach à coilltean ath-nuadhachail.
Air a chlò-bhualadh ’s air a cheangal le
Bell & Bain Earr., Glaschu.
Air a chur ann an clò Sabon 10.5 le Main Point Books, Dùn Èideann.
© Graham Cooper 2019
Uime sin, air dhuinne fòs bhi air ar cuartachadh le nèul co’-mòr a dh’ fhia’naisibh, cuireamaid dhinn gach uile leth-trom, agus am peacadh a ’ta gu furas ag iathadh umainn, agus ruidheamaid le foighidinn a’ choi’-liong a chuireadh romhainn Litir an Abstoil Phoil chum nan Eabhruidheach XII, 1 Tiomnadh Nuadh Ar Tighearna agus Ar Slanuigh-Fhir Iosa Criosd, 17671
1. Tha na briathran seo mar a nochd iad anns an Tiomnadh Nuadh ann an Gàidhlig na h-Alba (1767) a stiùir Dùghall Bochanan tron chlò ann an Dùn Èideann eadar 1765 agus 1767.
Clàr-innse
Mapa
Na rathaidean air an robh Dùghall Bochanan air chuairt
Ro-ràdh – Litir
1 An Taigh-eiridinn Rìoghail, Dùn Èideann, am Màrt 1767
2 Ardach, Srath Eadhair, am Foghar 1810
3 Ann an Taigh a’ Chlò-bhualadair, Dùn Èideann, am Màrt 1767
4 Taigh Mhgr Shandaidh Wood, Dùn Èideann, am Màrt 1767
5 Coinneachadh ann an Gleann Amain, Toiseach a’ Ghiblein 1767
6 Raineach agus an t-Ensign Seumas Small, 1767
7 Ceann Loch Raineach, an Giblean 1767
8 Aig an Taigh, Ceann Loch Raineach, an Giblean 1767
9 Ceann Loch Raineach, an Samhradh 1767
10 Ceann Loch Raineach, am Foghar 1767
11 An t-Agallamh ann an Càraidh an Ear, am Foghar 1767
12 Ceann Loch Raineach, an Geamhradh 1767
13 Litir bho Charaid ann an Dùn Èideann, an t-Earrach 1768
14 Cuairt a Bhoth Chuidir, an Samhradh 1768
15 Ann am Mansa Bhoth Chuidir, an Samhradh 1768
16 Ceann Loch Raineach, an Samhradh 1768
17 An Rathad gu Lànaidh Beag, an t-Ògmhios 1768
18 Ardach, Srath Eadhair, am Foghar 1810
Iar-fhacal an Ùghdair
Faclair:
Briathrachas Gàidhlig agus Beurla a nochdas anns an leabhar
Na rathaidean air an robh Dùghall Bochanan air chuairt.
An Dr S Wood,
Ceàrnag Charlotte,
Dùn Èideann
A Dhotair Urramaich,
Thug na pàipearan a chuir sibh thugam toileachas mòr dhomh. Tha sibh ro chòir a bhith gam chumail air chuimhne. Mòran taing.
Tha mi cinnteach gun robh iad air an sgrìobhadh leis an duine agam nach maireann, Dùghall Bochanan. Tha e follaiseach gu bheil iad a’ toirt tuairisgeul air a bheatha ann an Dùn Èideann tràth anns a’ bhliadhna 1767. Chan eil fios agam carson a bha na pàipearan air an tasgadh ann an leabharlann ur n-athar. Saoil an robh esan a’ toirt comhairle do Dhùghall mu obair-lannsa?
Tapadh leibhse airson nam facal fialaidh a sgrìobh sibh air saothair Dhùghaill. Is iomadh iadsan a bhios ga mholadh fhathast anns an sgìre seo. Na bithibh fo thrioblaid nach d’ fhuair e duais fhreagarrach anns a’ bheatha bhàsmhoir seo. Tha mi cinnteach gu bheil crùn glòrmhor aige air a cheann a-nis ann am Pàrras.
Tha faclan Dhùghaill air mòran chuimhneachan a thoirt air ais thugam. Gabhaibh mo leisgeul mas e an ladarnas a tha orm, ach tha mi air cunntas air na làithean ud a chur ri chèile leotha: sgeul mu Dhùn Èideann agus mu Raineach, mun obair a rinn Dùghall agus mun ghràdh a choisinn e mar thidsear agus mar charaid dìleas. Tha mi an dòchas gun còrd e ribh.
Tha mi mothachail gu bheil dà bhliadhna air dol seachad on a chaochail ur n-athair. Am faod mi mo cho-fhaireachdainn dhùrachdach a chur thugaibh. Tha cuimhne agam air Dùghall a’ bruidhinn ma dheidhinn le spèis mar dhuine a bha an dà chuid sgileil agus truacanta.
Mòran taing, a-rithist. Tha mi fada nur comain.
Leis gach beannachd,
Mairead Brisbane Bhochanan
Ardach, Srath Eadhair, Siorrachd Pheairt
An 8mh latha den Dàmhair 1810
CAIBIDEIL A H-AON
An Taigh-eiridinn Rìoghail, Dùn Èideann, am Màrt 1767
‘A DHAOIN’ UAISLE. A dhaoin’ uaisle. ’S e daoine sìmplidh a th’ ann an lannsairean.
‘Nam biodh fuil a’ sileadh, chaisgeamaid i. Nam biodh neasgaid a’ brachadh1, ghearramaid leis an lannsa i. Chan ann dhuinne meòrachadh toinnte no leigheasan iomadh-fhillte nan lighichean.’
Bha Alasdair Wood, am fear a b’ òige de na lannsairean aig Taigh-eiridinn Rìoghail Dhùn Èideann, a’ tighinn gu crìch air an ro-ràdh aige mus do thòisich e air obair-lannsa an latha. Rinn na h-oileanaich snodha-gàire ri chèile. B’ e duine eirmseach a bha ann an Alasdair Wood agus bha e ri spòrs mar a b’ àbhaist dha. Bha an àbhachd aige an-còmhnaidh a’ còrdadh riutha.
Air a’ mhadainn shònraichte sin, ge-tà, bha dithis fhear an làthair ann an gailearaidh seòmar nan opairèisean airson a’ chiad uair. Nan suidhe air na beingean faisg air mullach an rùim bha dithis luchd-coimhid à Garbh-Chrìochan Pheairt: Dùghall Bochanan, a bha na mhaighstir-sgoile, agus an t-Ensign Seumas Small, am bàillidh do dh’Oighreachd an t-Sruthain. Fhuair na fir seo cuireadh gu seòmar nan opairèisean air adhbhar àraidh: b’ e Seumas Small am bràthair a b’ òige do Mhgr Alasdair Small, an lannsair ainmeil a bha a’ tadhal air an Taigh-eiridinn an latha sin.
Leth-uair a thìde na bu tràithe, choinnich Dùghall ri Seumas aig doras-aghaidh an ospadail agus sheall iad na litrichean-cuiridh aca don chlèireach. Bha iad den bheachd gun robh iad air tighinn ann am pailteas ùine ro thoiseach obair an latha. Ach bha iongnadh orra nuair a chaidh iad a-steach do sheòmar nan opairèisean: cha mhòr nach robh e loma-làn de dhaoine mar-thà.
Nam biodh teagamhan aca gu ruige seo gun robh Sgoil Mheidigeach Dhùn Èideann na tè de na sgoiltean a bu chliùitiche air an t-saoghal, chaidh na teagamhan sin às an t-sealladh sa bhad. Fhad ’s a bha iad a’ dìreadh suas chun an t-sreatha uachdaraich de bheingean, chuala iad, anns an othail ceithir thimcheall orra, a’ Bheurla ga bruidhinn le blas mòran dhùthchannan cèine: Sasainn, Èireann, an Roinn Eòrpa agus na tìrean-imrich Ameireaganach.
Bha Seumas Small air obair-lannsa fhaicinn air blàr a’ chogaidh nuair a bha e na shaighdear, ach cha robh esan no Dùghall Bochanan air a bhith an làthair aig a leithid seo de thaisbeanadh a-riamh roimhe. Rinn an cion-eòlais seo seòrsa de cheangal eadar an dithis fhear an latha ud ged a b’ ann tric a bhiodh iad ri easaonta thar nam bliadhnaichean. Ach cha robh cuimhne air sin aig fear seach fear dhiubh fhad ’s a bha iad a’ gabhail a-steach na bha ri fhaicinn agus ri chluinntinn air am beulaibh.
B’ e duine àrd caol mu dhà fhichead bliadhna a dh’aois a bha ann an Alasdair Wood, no ‘Sandaidh fada’ mar a bha aca air. Sheas e ri taobh bùird-opairèisein bhig fhiodha. Bha muinichillean a lèine gile air an trusadh agus bha aparan donn a’ còmhdachadh a pheitein agus a bhriogais-ghlùine. Os a chionn, anns an t-seòmar dhrùidhteach sin, rùm mòr nan opairèisean air ceathramh làr an Taigh-eiridinn ùir, bha na h-oileanaich nan suidhe air beingean fada, ann an cumadh na litreach ‘U’, ag èirigh sreatha air shreatha. Air a chùlaibh, bha solas deàlrach na grèine a’ tighinn a-steach tro uinneagan mòra ris an àird a deas.
‘Mus tòisich sinn leis a’ chiad opairèisean, am faod mi a chur an cèill dhuibh gu bheil e na thlachd agus na urram dhomh a bhith a’ cur fàilte air fear de na lannsairean as ainmeile à Lunnainn, Mgr Alasdair Small. Bidh esan a’ toirt taic dhomh an-diugh.
‘Bidh ainm aithnichte don chuid as motha agaibh. Fear de shliochd teaghlach uasal Shiorrachd Pheairt, thug e seirbheis chliùiteach mar lannsair do dh’Fheachdan an Rìgh air feadh an t-saoghail. Anns an latha an-diugh, tha fèill mhòr air a sgilean ann am baile-mòr Lunnainn. Ach tha spèis aig daoine foghlaimte fad is farsaing air a ghliocas agus eòlas shaidheansail: tha e na charaid agus na cho-obraiche aig an Dr Benjamin Franklin, fearsaidheans iomraiteach, innleadair agus stàitire às na tìrean-imrich Ameireaganach.’
Thionndaidh an luchd-èisteachd an sùilean a ghabhail beachd air fear tiugh fhad ’s a bha e a’ coiseachd air adhart à dorchadas teachd-a-steach an rùim. Bha e a’ teannadh air trì fichead bliadhna a dh’aois, a cheann air a bhearradh. Cha robh e cho àrd ri Sandaidh Wood idir ach bha an lèine gheal, a’ bhriogais-ghlùine agus am peitean a bha uime a’ togail fianais air beairteas agus sgilean tàilleir mhaith. Chrom e a cheann gu goirid a dh’ionnsaigh Shandaidh Wood agus, an uair sin, a dh’ionnsaigh nan oileanach, mar chomharradh gun do ghabh e ris an fhàilte le toileachas.
‘Agus a-nis, a dhaoin’ uaisle, a’ chiad euslainteach againn,’ lean Sandaidh Wood air. ‘’S e òganach a th’ ann, ochd bliadhna deug a dh’aois, a thàinig thugam leis a’ ghalar chumanta sin: tha clach mhòr na aotraman. Fad dà bhliadhna tha e air a bhith ann an èiginn. Tha pian eagalach agus duilgheadas mòr air a bhith aige a’ feuchainn ri mùn. ’S e an t-àmhghar seo a thug air tighinn thugam a dh’iarraidh an opairèisein lithotomy. Chan e co-dhùnadh suarach a tha seo do dhuine sam bith, mar a tha fios agaibh. Ach, tha an t-euslainteach deimhinnte air seo: mura toirinn a’ chlachaotramain às cha bhiodh dad air thoiseach air ach an dòrainn.
‘A rèir mo ghnàtha àbhaistich, thug mi a-steach don ospadal e o chionn fichead latha. Aig an toiseach, bha e cho caol ri bior. Bha e claoidhte agus cha robh càil bìdh aige idir. On a thàinig e a-steach don ospadal, ge-tà, tha mi air a bhith a’ toirt brosnachadh dha gus biadh a ghabhail agus, san dòigh sin, a neart a thogail ron opairèisean. Tha e air a bhith ag òl teatha fras-lìn agus fìon gus fhual a shoillearachadh. Chaidh dealachan a chleachdadh air a’ chraiceann os cionn aotramain gus dùmhlachd-fala a thogail dheth. Anns a’ mhadainn an-diugh, ghabh e purgaid agus rinn sin a’ chùis dha.
‘Rè an opairèisein, bidh mi a’ leantainn dòigh an lannsair Shasannaich ainmeil, Uilleam Cheselden. Thoiribh an aire air na h-innealan a tha air a’ bhòrd-inneil. Chan eil ann ach còig dhiubh ach bha iad air an dealbhadh a dh’aona ghnothach airson an opairèisein seo. Bidh mi a’ cleachdadh an lannsa airson a’ chiad ghearraidh tron chraiceann. An uair sin, bidh mi a’ fosgladh bun an aotramain le bistoury agus gorget. Bheir mi às a’ chlach leis na teanchairean a dhealbh Cheselden fhèin.’
‘Agus a-nis, fheara, tha mi ag iarraidh oirbh a bhith nur tost fhad ’s a bhios na fir-taice a’ toirt an euslaintich chun a’ bhùirdopairèisein. Tha mi air earbsa a chosnadh thar nan seachdainean. Tha e cudromach nach dèan sinn cron sam bith air a mhisneachd.’
Aig an dearbh mhionaid sin, dh’fhosgail doras air cùlaibh Shandaidh Wood. Thàinig fear de luchd-taice an lannsair a-steach, agus duine caol glaisneulach a’ leantainn a cheumannan gu dlùth. Bha an duine òg caran cugallach air a chasan agus dh’fhàs a shùilean mòr le iongantas nuair a chunnaic e am bòrd-opairèisein agus an sluagh a bha a’ coimhead air. Bha fios aige dè a dhèanadh e: dh’fheumadh e dìreadh air mullach a’ bhùird-opairèisein. Cho luath ’s a shocraich an t-euslainteach e fhèin, chunnacas Sandaidh Wood a’ dol dha ionnsaigh; dh’fhàisg e làmhan an duine òig eadar a làmhan fhèin agus chagair e facal no dhà na chluais. Aig an aon àm, thàinig triùir luchd-taice eile a-steach don t-seòmar.
Thruis an luchd-taice suas lèine fhada an duine òig agus ghabh iad grèim teann air a ghàirdeanan agus a chasan. Thog Sandaidh Wood an sound, inneal meatailt fada, bhon bhòrd. Choimhead e air gu geur agus rinn e cinnteach gun robh ola gu leòr air. An uair sin, thòisich e ris an sound a stiùireadh gu sgileil a thaobh a-staigh aotraman an euslaintich. Leig an duine òg a-mach cnead mòr fada agus chunnacas a chasan a’ dol rag, na h-òrdagan nan seasamh gu dìreach. Lean Sandaidh Wood air gus an do dh’fhairich e gliog nuair a choinnich an sound ris a’ chloich. Thionndaidh e gu Alasdair Small agus thug e cuireadh dha làmh an inneil a ghabhail, a’ sealltainn don lannsair à Lunnainn gu mionaideach ciamar agus càite a ghleidheadh e an t-inneal. Thog an luchd-taice casan an duine òig, gan lùbadh aig a’ chruachainn agus aig a’ ghlùin. Cheangail iad caol an dùirn agus caol na coise le iallan leathair agus sheas iad timcheall air, a’ gabhail grèim air a ghuailnean agus a shliasaidean gu làidir.
Thachair na rudan a lean gu luath ach gun chabhag. Choimhead Sandaidh Wood air a’ bhòrd bheag far an robh na h-innealan. Thagh e an lannsa. Thionndaidh e a dh’ionnsaigh a’ bhùird-opairèisein. Bha glaodh àrd dian uabhasach ann, agus an uair sin osnaichean eagalach fhad ’s a rinn an t-euslainteach strì an aghaidh an luchd-taice. Chuir Mgr Wood an lannsa air ais air a’ bhòrd agus thog e na h-innealan eile, fear an dèidh fir. Lean e air leis an obair aige, a bhodhaig air a cromadh os cionn an euslaintich.
Taobh a-staigh chòig mionaidean, ghabh e ceum air ais agus sheall e a’ chlach do na h-oileanaich, clach coltach ri ugh circe glaiste ann an teanchairean meatailt. Cha tuirt e facal. Cha b’ fhiach e a shaothair dha fhad ’s a bha an duine òg fhathast ri glaodhaich. Ach mean air mhean, lasaich an luchd-taice an grèim agus thòisich iad air conaltradh am measg a chèile le comharraidhean agus soidhneachan. Nuair a bha ìoc-chòmhdach anns an lot dhomhainn, shaor iad buill an duine òig agus chuir iad dìreach iad. Chaidh pìob airgid a chur a-steach da aotraman airson a dhrèanadh. Sheas an luchd-taice ri a thaobh gus an robh analachadh air tilleadh gu bhith cunbhalach domhainn. An ceann greiseig, bha iad ga ghiùlan gu cùramach tron doras a-mach às an t-seòmar-opairèisein don uàrd.
Ghlan Mgr Wood a làmhan le searbhadair agus thionndaidh e a bhruidhinn ris an luchd-èisteachd.
‘Mòran taing airson ur foighidinn, a dhaoin’ uaisle. Tha mi toilichte gun deach an t-opairèisean gu math agus nach do chaill an t-euslainteach ach beagan fala. Bidh na banaltraman a’ toirt cùram dha anns an uàrd a-nis. Bidh iad a’ cumail sùil air an ìocchòmhdach agus an aodach-leapa. Bidh iad a’ clàradh buillechuisle agus toradh àirnean an euslaintich. Tha mi an dòchas gum bi e comasach air brot a ghabhail an ceann uair a thìde agus gun tèid cùisean gu math leis. Co-dhiù, tha a’ chuid as motha dhibh eòlach air mo bheachdan a thaobh galar fuail. Mar sin dheth, tha mi cinnteach gum bu toil leibh facal no dhà a chluinntinn bho ar n-aoigh chliùiteach.’
Thug e ceum air ais agus choimhead e air Alasdair Small. ‘A Mhaighstir. Am biodh sibh deònach…?’
Le fiamh a’ ghàire air aodann, choisich Alasdair Small air adhart gu meadhan an ùrlair.
‘Madainn mhath a dhaoin’ uaisle,’ thuirt e ann an guth àrdanach. Bha blas oifigich-airm air a chainnt; cha robh sgeul idir air blas Shiorrachd Pheairt far an do rugadh e.
‘Tha e na thlachd mhòir dhòmhsa a bhith còmhla ribh an-diugh anns an Taigh-eiridinn air leth seo. Mar as math a tha fios agaibh, ’s ann aig Dùn Èideann a tha an sgoil mheidigeach as fheàrr agus as ainmeile air an Roinn Eòrpa, agus tha an Taigh-eiridinn seo aig teismeadhan a’ ghnothaich. ’S e seo an dàrna turas agam don ospadal agus feumaidh mi a ràdh gu bheil mi air mo dhòigh a thaobh dealbhadh an togalaich. Tha e mìorbhaileach mar a thig solas am pailteas a-steach air uinneagan an t-seòmair-opairèisein seo: cho cudromach don lannsair fhad ’s a bhios e ag obair. Agus airson nan euslainteach, tha àile glan anns an uàrd.
‘Thàinig orm obair-lannsa a dhèanamh air bàtaichean a’ Chabhlaich Rìoghail agus ann an ospadalan dòmhlaichte ann an tìrean cèine. Mar thoradh air sin, tha mi deimhinnte à fìrinn mo bheachd-sa: bidh àile tais salach làn deataiche a’ cur bacadh air leigheas.
‘Tha thu fortanach ann an da-rìribh gu bheil fear-treòrachaidh air leth agaibh ann am Mgr Wood. Bidh esan gur stiùireadh a dh’ionnsaigh àrd-ealain ar dreuchd. No, ’s dòcha gum bu chòir dhomh a bhith ag ràdh, saidheans ar dreuchd. ’S e linn ùr togarrach anns a bheil sinn beò, a dhaoin’ uaisle, linn a tha air a shoillseachadh le eòlas stèidhichte air rannsachadh.
‘Tha mòran de rùintean-dìomhair an t-saoghail nàdarraich a bha do-thuigsinn anns na làithean a dh’fhalbh aithnichte an-diugh, taing do na fir-saidheans Francis Bacon agus Isaac Newton. Mar sin dheth, tha bunait againn airson rùintean uasal ar dreuchd. Gu dearbh, tha sin follaiseach ann an obair an tidseir agaibh an seo. Chan e lannsair sgileil a th’ ann a-mhàin: ’s e fear-saidheans a th’ ann cuideachd. Thoiribh smuain do na dòighean leis an do dh’ullaich e an t-euslainteach a chunnaic sinn o chionn greiseig. Bha na dòighean seo air an stèidheachadh air an eòlas-leighis iongantach a th’ againn an-diugh. Chan eil àite ann tuilleadh airson ìocshlainte dhùthchasaich agus saobh-chràbhaidh. ’S e seo rud cudromach airson a chumail nar cuimhne, rud a bhios gar sgaradh bho na feall-lèighean agus na fealltairean a bhios a’ toirt an car às an t-sluagh le an deochannan-leighis gun luach.
‘A dhaoin’ uaisle. Tha mi a’ toirt moladh dhuibh. Rinn sibh codhùnadh cudromach nuair a ghabh sibh ri gairm uasal an lannsair. Chan eil dòigh nas fheàrr ann airson obair mhòr a dhèanamh nur beatha. Chan eil gairm beatha nas àirde na an tè a thogas eallach an fhulangais far guailnean ar co-chreutairean daonna.’
Rinn na h-oileanaich toileachadh ris na faclan seo gu dìoghrasach, le iolach agus le bualadh bhas. Chrom Alasdair Small a cheann gu goirid. Cha robh càil a bharrachd aige ri ràdh ris an luchd-èisteachd agus, mar sin dheth, dh’fhàg esan agus Sandaidh Wood an rùm còmhla ri chèile. Thòisich srann mòran chòmhraidhean air èirigh air feadh an t-seòmair. Beag air bheag, dh’fhàs an othail gu bhith na b’ àirde agus na b’ àirde.
Thionndaidh Seumas Small gu a chompanach. ‘Nach b’ e sinne a chunnaic fir iongantach sgileil ri an obair an-diugh, a Mhaighstirsgoile? An robh an t-opairèisean sin mar a bha sibh an dùil?’
