Constabal Murdo - Angus Peter Campbell - E-Book

Constabal Murdo E-Book

Angus Peter Campbell

0,0

Beschreibung

A precious golden souvinier has disappered from Kismuil Castle in the Island of Barra. The historic brooch was given as a gift by the Chief of Clanranald to MacNeil of Barra in the 16th century. Or perhaps it was treasure found from a shipwrecked galleon from the Spanish Armada... The local constable, P.C. Murdo set outs to find who dunnit. He has seven suspects, but in his search for the truth of the theft discovers that suspicion and prejudice make poor detectives. Help comes from smart officers from the mainland, whose most difficult challenge is Murdo himself. In this short, humorous novel mystery and psychology are lightly mixed, revealing that folk's actions and characters are as contradictory as they are complex. PC Murdo would find himself at home in both Whisky Galore and in Para Handy. The novel is a compassionate examination of how attitudes predicate actions which make or break communities.

Sie lesen das E-Book in den Legimi-Apps auf:

Android
iOS
von Legimi
zertifizierten E-Readern
Kindle™-E-Readern
(für ausgewählte Pakete)

Seitenzahl: 189

Das E-Book (TTS) können Sie hören im Abo „Legimi Premium” in Legimi-Apps auf:

Android
iOS
Bewertungen
0,0
0
0
0
0
0
Mehr Informationen
Mehr Informationen
Legimi prüft nicht, ob Rezensionen von Nutzern stammen, die den betreffenden Titel tatsächlich gekauft oder gelesen/gehört haben. Wir entfernen aber gefälschte Rezensionen.



Tha AONGHAS PÀDRAIG CAIMBEUL bho An Leth Mheadhanaich ann an ceann a deas Uibhist a Deas. Fhuair e fhoghlam ann an sgoiltean Ghearraidh na Mònadh, Dhalabroig agus an Òbain (far an robh Iain Crichton Mac a’ Ghobhainn ga theagasg) mus tug e a-mach Ceum le Urram ann an Eachdraidh is Poilitigs bho Oilthigh Dhùn Èideann. Tha na sgriobhaidhean aige air grunn dhuaisean a chosnadh thar nam bliadhnachan – nam measg Leabhar Bàrdachd na Bliadhna an Alba ann an 2011 airson Aibisidh agus Leabhar Ficsean na Bliadhna ann an 2017 airson Memory and Straw.

Tha coltas sam bith eadar Constabal Murdo agus Murdo sam bith eile as aithne dhan leughadair a dh’aona ghnothach, oir ged nach eil a shamhail ann, tha a leithid air feadh an àite.

The Greatest Gift, Fountain Publishing, 1992

Cairteal gu Meadhan-Latha, Acair, 1992

One Road, Fountain Publishing, 1994

Gealach an Abachaidh, Acair, 1998

Motair-baidhsagal agus Sgàthan, Acair, 2000

Lagan A’ Bhàigh, Acair, 2002

An Siopsaidh agus an t-Aingeal, Acair, 2002

An Oidhche Mus Do Sheòl Sinn, Clàr, 2003

Là a’ Dèanamh Sgèil Do Là, Clàr, 2004

Invisible Islands, Otago Publishing, 2006

An Taigh-Samhraidh, Clàr, 2007

Meas air Chrannaibh / Fruit on Branches, Acair, 2007

Tilleadh Dhachaigh, Clàr, 2009

Suas gu Deas, Islands Book Trust, 2009

Archie and the North Wind, Luath Press, 2010

Aibisidh, Polygon, 2011

An t-Eilean: Taking a Line for a Walk, Islands Book Trust, 2012

Fuaran Ceann an t-Saoghail, Clàr, 2012

The Girl on the Ferryboat, Luath Press, 2013

An Nighean air an Aiseag, Luath Press, 2013

Memory and Straw, Luath Press, 2017

Stèisean, Luath Press, 2018

A’ chiad chlò 2018

ISBN: 978-191214-749-6

Gach còir glèidhte. Tha còraichean an sgrìobhaiche mar ùghdar fo Achd Chòraichean, Dealbhachaidh agus Stèidh 1988 dearbhte. Chuidich Comhairle nan Leabhraichean am foillsichear le cosgaisean an leabhair seo.

Chaidh am pàipear a tha air a chleachdadh anns an leabhar seo a dhèanamh ann an dòighean coibhneil dhan àrainneachd, a-mach à coilltean ath-nuadhachail.

Air a chlò-bhualadh ’s air a cheangal le Bell & Bain Earr., Glaschu.

Air a chur ann an clò Sabon 11 le Main Point Books, Dùn Èideann.

© Aonghas Pàdraig Caimbeul 2018

Clàr-innse

1 A’ Bhràiste Òir

2 Dolina

3 Mìcheal Iain

4 Dr Lucy

5 Sergio

6 Pavel

7 Iona Scott

8 Ailig an Insurance

9 Fake News

10 Na DIs

11 Alasdair is Sandra

12 An Tionndadh

13 Fàgail Bharraigh

14 Aisling

15 Aithreachas

16 Èisteachd

17 Don Quixote

18 An Ataireachd Bhuan

19 Fuasgladh

20 An Duais

Do mhuinntir Bharraigh,bhon tàinig mo sheanmhair

CAIBIDEIL 1

A’ Bhràiste Òir

CHAN EIL FHIOS aig duine cuin a thàinig a’ bhràiste òir a Bharraigh, ach tha fhios aig a h-uile duine a-nis gu bheil i air a dhol às an t-sealladh.

Tha cuid ag ràdh gur iad na Spàinntich a dh’fhàg i nuair a theich bloigh dhen Armada gu tuath, ach tha cuid eile ag ràdh gu bheil i nas sine buileach ’s gum b’ e Erik Ruadh an Lochlannach a thilg i às a dhèidh, ged a tha na sgoilearan ag ràdh gur e tìodhlac-rèite a bh’ ann o Mhac ’ic Ailein gu MacNìll an turas a bha e a’ bagart teine a chur ri Uibhist.

Co-dhiù no cò aca, tha a’ bhràiste òir air a bhith an sin ann an Caisteal Chiosamuil o chuimhne Sheasag Raghnaill. Agus an rud air nach eil cuimhn’ aig Seasag, cha do thachair e, ’s cha robh e a-riamh ann.

Ach tha an saoghal air a dhol bhuaithe. An àite cluinntinn mun naidheachd le crann-tàra no le birlinn Chlann Raghnaill a’ nochdadh taobh Mhiùghalaidh leis an naidheachd (loma-làn de stiùir-òir is sìoda na Gailmhinn) chuala iad mu dheidhinn air Aithris na Maidne. Tha lòn air gach slighe.

Stobte an sin eadar Hugh Dan a’ bruidhinn mun iomain agus naidheachdan a’ bhuill-coise, dh’inns Seumas gun robh ‘Bràiste Òir ainmeil MhicNìll Bharraigh, a tha air a bhith taisgte ann an Caisteal Chiosamuil on t-siathamh linn deug air a dhol à sealladh. Tha amharas aig na poilis gun deach a goid, agus tha iad ag iarraidh air neach sam bith aig a bheil fios sam bith mun ghnothach brath a chur thuca.’

‘Nì a h-uile cearc gog-ai,’ thuirt Raghnall Eachann aig an taigh ’s e dèanamh brùchd às dèidh a bhrochain. Tana no tiugh, fhad ’s a bha e teth bha e na thoileachas dha.

Bha seachdnar cheana fo amharas aig na poilis. Bha daoine air am faicinn a’ tighinn ’s a’ falbh. Dolina, a bhiodh a’ sgùradh agus a’ glanadh a’ chaisteil. Mìcheal Iain, a bhiodh a’ giùlan luchd-turais a-null ’s a-nall on chaisteal ann an sgoth bheag gach latha. Dr Lucy, a bha a’ rannsachadh pàipearan Chlann Nèill. Sergio, an tramp Spàinnteach a bha air a bhith a’ dol timcheall nan eileanan le baidhsagal o chionn bliadhna no dhà. Bha e a’ campadh an-dràsta ann a’ Bhatarsaigh. Innseanach, Pavel, a bha air a bhith ’g obair greis air bàt’-iasgaich. Agus Iona Scott a bhiodh a’ stiuireadh nan cuairtean-fiosrachaidh timcheall Bharraigh. Bhiodh ise tric a’ toirt bhuidhnean dhan chaisteal. O, agus Ailig. Ailig an Insurance, a bhiodh a’ dol timcheall nan eileanan le motair-baidhsagal. Ach b’ e outside bet a bha sin. Duine cho dìreach onarach ri ìomhaigh Moire Mhàthair fhèin air Hèabhal. O, agus bha fear eile ann. Hearach a bhiodh a’ dol timcheall na Gàidhealtachd na chleòca fhada dhonn is e cas-rùisgte. ‘Am Manach’ a thug iad air, ach bha esan cho buileach neoichiontach ri uan an earraich. Nam faiceadh e iteag air an tràigh shiùbhladh e an saoghal gus an toireadh e an iteag air ais dhan eun bhochd a chaill i.

Bha an liosta aig Murdo. Sherlock Bhàgh a’ Chaisteil. Murdo Mhurchaidh ’ic Mhurchaidh Bhig, a bhuineadh dhan Bhac o thùs. Mac Mhurchaidh ’ic Mhurchaidh Bhig, a bha air a bhith na chonstabal e fhèin anns a’ Mhetropolitan Police. ‘Aidh aidh’ a bh’ ac’ air.

‘O, ’s iomadh crime a sholvaig mise,’ chanadh e. ‘Eadar na Crown Jewels a shàbhaladh turas, agus faighinn a-mach cò a bh’ ann an Jack the Ripper. Ach chan inns mi dhutsa bhròinein, o chan inns.’

Agus chromadh e a-steach faisg ort.

‘Top Secret, a bhalaich. Top secret. Aidh aidh.’

Bha e na bhodach an uair sin, Murchadh Beag. Ach bha Murdo uabhasach dèidheil air, agus bhiodh e tadhal air taigh a sheanar cho tric ’s a b’ urrainn dha. Bothan beag a bh’ aige. Bothan beag ri taobh nan creag, ma thogras tu. Thall an sgìre Ùige, ann an saoghal Mhic an t-Srònaich.

‘Criminal?’ chanadh Murchadh Beag. ‘Chan e na. Ach victim. Fear air an do rinnear eucoir dhe gach seòrsa. B’ e na criminals an fheadhainn a chroch e. Mar a ghlèidh esan beanntan Ùige agus a ghlèidh beanntan Ùige esan, glèidh thus’ an Cruthaighear agus gleidhidh an Cruthaighear thusa.’

Thug Murchadh Beag buaidh mhòr air Murdo. Bhiodh e a’ dèanamh lit gach feasgar airson a dhinneir, agus bhiodh e ag ithe spaghetti bolognaise ’son a bhracaist. A dh’aindeoin ’s gun robh cailleach eile ann a ghlèidh a suipear airson a bracaist, ach shiubhail i tron oidhche.

‘An gabh thu truinnsear bollock knees?’

dh’fhaighnicheadh e do Mhurdo.

Agus ’s e ghabhadh. Bobhla mòr cruinn dheth, air a chòmhdachadh le Sabhs Tomàto.

Is shuidheadh an dithis aca an uair sin ri taobh an stòbha, agus thòisicheadh Murchadh Beag le na yarns. An turas a bha e na phoileasman – ‘Air special duties ’ille,’ chanadh e, ‘aig a’ Chup Final aig Wembley.’

‘Arsenal an aghaidh Liverpool a bhròinein. Ceud mìle duine an làthair. 2–0 ’son Arsenal. Swindin Scott and Barnes. Forbes Compton and Mercer. Cox Logie Goring Lewis agus Compton. Denis Compton a bha sin. Aig outside-left. Bha e math air criogaid cuideachd. Bràthair an fhir eile a bha a’ cluich aig centre-half. Leslie. Leslie Compton. Sin an sgioba. Swindin Scott and Barnes. Forbes Compton and Mercer. Cox Logie Goring Lewis agus Denis Compton. Sgòr Lewis na dhà. Reg Lewis. Balach gasta. Bha an Rìgh an làthair. King George the Sixth. Sin an teoba a bh’ agams’ an latha ud ’ille. Cumail geàrd air an Rìgh. The King’s Guard!’

Thrèan a sheanair Murdo a bhith na dhetective. Nuair a bha e beag bìodach chuireadh e rudan air falach, ’s dh’fheumadh Murdo an lorg. Suiteis is pìosan clòimhe is a’ bhonaid bhoban aige, agus aon turas an rud bu phrìseile a bh’ aige – am pocket-watch òir a fhuair e an latha a retire e bhon Phoileas. Thug e ùine mhòr do Mhurdo a lorg, le sheanair na sheasamh aig an doras ag èigheach ‘Fuar! Fuar!’ is ‘Teth!’ gus mu dheireadh thall fhuair e an t-uaireadair falaichte fo fhàd anns a’ chruaich-mhònach.

‘Cuimhnich an-còmhnaidh,’ thuirt a sheanair ris, ‘gu bheil an rud a tha thu lorg a cheart cho buailteach a bhith na laighe fo do shròin, seach fad’ air falbh.’

Rud nach do dhìochuimhnich Murdo a-riamh.

‘Agus cuideachd,’ thuirt a sheanair ris, ‘cuimhnich gu bheil daoine meallta. Gu bheil e nas nàdarra do chuid a’ bhreug innse na an fhìrinn, oir chan eil tomhas aca gu bheil diofar sam bith eadar na dhà. Bi teagmhach mu gach duine a dh’aindeoin fianais. Is fheàrr an saoghal ionnsachadh na sheachnadh, Murdo.’

Agus nach b’ e a dh’ionnsaich sin na chuid obrach. An toiseach na chadet an Inbhir Nis agus an uair sin na phoileas òg an Inbhir Ùige far an toireadh cuid a chreidsinn ort gum b’ e sgadan an rionnach. Ach bha e òg is aineolach an uair sin, ’s dhèanadh e fhèin fhathast deagh ghàire mu na sgiorraidhean a chuir iomrall e shuas am measg nan Catach.

Turas thàinig buidheann de dh’fhir a-steach a dh’innse dha gun deach eathar a ghoid on chidhe, ’s bha e cho gòrach ’s gun do ruith e còmhla riutha sìos chun na laimrig, far an do leum e air sgoth còmhla ri dithis dhiubh a thuirt gum faca iad an duine a ghoid an t-eathar a’ dèanamh air Arcaibh. Bha e a’ seòladh an fhaoineis sin dà uair a thìde, fhad ’s a ghoid na fir a dh’fhàg e air a’ chidhe a h-uile rud a bhuineadh dha shuas anns an oifis. Ach cha robh fianais aige ach gun robh e falamh. Dh’fheumadh duine sùilean an cùl a’ chinn, mar a thuirt a sheanair ris o chionn fhada. ‘Amhairc romhad mun toir thu do leum,’ chanadh e ris. ‘Agus na trèig cinnt ’son dòchas.’

Ach bha an liosta seo gu math earbsach. Oir bha Murdo air ionnsachadh gun leum a-steach do rud mar chat gu poit èisg. Bu chòir dhut a bhith faiceallach. Cùramach, slaodach, mionaideach. Do bheul a chumail dùinte ’s do shùilean ’s do chluasan a chumail fosgailte.

‘Methodical,’ mar a bhiodh Sàirdseant Morrison ag ràdh ris fad na h-ùine sa Ghearastan.

‘Slow and steady, a bhalaich. Mar each a’ treabhadh. Chan e an ro-chabhag as fheàrr.’

Seonaidh Morrison à Port nan Long. Seonaidh bochd a mhill e fhèin leis an deoch.

‘Cha sheas poca falamh leis fhèin, a bhalaich,’ chanadh e nuair a bhiodh iad a’ togail fianais. ‘Cha sheas, Murdo. Cha sheas. Tha barrachd air aon slighe dhan mhòintich. Tha, bhalaich. Tha.’

Agus bha Murdo – Constable MacDonald – air ùine a thoirt mus do rinn e an liosta. Air ùine a ghabhail mus do sgaoil e an naidheachd. Oir bha mìos cheana air a dhol seachad on a chaidh a’ bhràiste òir à sealladh. Ach bha e air sin a chumail dìomhair, gus an do thog e fianais. Beag air bheag, mean air mhean. Bloigh naidheachd an siud ’s sealladh an seo; tuairmse thall ’s fathann a-bhos; rudeigin a chuala Fearchar sa Bhàgh a Tuath agus rudeigin a chunnaic Sìneag am Brèibhig. Chuir Murdo dhà is dhà an ceann a chèile agus rinn e ceithir a cheart cho cinnteach ’s a dhèanadh coirce is bainne an lit. Oir tha liut ann a bhith dèanamh deagh lit mar a chanadh Seasag an Tàilleir.

CAIBIDEIL 2

Dolina

DOLINA A MHOTHAICH an toiseach, a rèir na sgeòil. Bhiodh Mìcheal Iain ga toirt a-null dhan chaisteal an ciaradh an fheasgair ’son sgùradh is glanadh. Dh’fhàgadh e an sin i ’son uair a thìde, ’s an uair sin rachadh e air ais air a son.

Bha a cleachdaidhean is a fabhtasan fhèin aig Dolina, mar a tha againn uile. Bha i cianail dèidheil air na ciogaireats, agus ged a bhiodh daoine ag obair oirre sgur dhiubh, cha robh i a’ toirt èisteachd sam bith dhaibh.

‘Dè eile th’ agam ach na ciogaireats,’ chanadh i. ‘Chan e gu bheil mi ’g òl, mar leth nan daoin’ an seo. Fàg rudeigin agam. Pleasure air choreigin, mar a chanadh Ella Fitzgerald.’

Bha i uabhasach dèidheil air an t-seinn aig Ella. A-riamh bhon a chual’ i an toiseach i air an rèidio. ‘My kinda love’, sheinn i, anns an dòigh iongantach shlaodach ud, cho aocoltach ri pop. Cho coltach ri na h-òrain Ghàidhlig – ‘O mheall thu, mheall thu, mheall thu mi’ far an robh gach facal a’ cunntais agus a’ leantainn gu nàdarra bhon fhacal a bha roimhe.

Duine neònach bh’ ann am Mìcheal Iain. Cho prìseil mu rudan. Pernickity. Dh’fheumadh a h-uile sìon a bhith ‘just so’ mar a chanadh e fhèin.

‘Well, nach i tha fliuch an-diugh,’ chanadh tu ris.

‘Just so,’ chanadh esan.

Agus bha a h-uile rud air an sgoth bhig aige just so. Air a peantadh gu grinn sgiobalta – gorm is geal – mar gum b’ e ealain a bh’ innte ’s nach b’ e eathar. A h-uile ròpa paisgte gu sgiobalta agus àite grinn shìos an staidhre far am faigheadh an luchd-turais fasgadh. Nuair a bhiodh rud a dhìth air Mìcheal Iain, gheibheadh e fhèin e.

Cha robh cead aig duine fo nèamh no air thalamh sìon ithe no òl air bòrd na sgothaidh. Agus gu seachd cinnteach cha robh cead aig duine sam bith smoc a ghabhail. Ged a bhiodh na bodaich a’ tarraing às gun sgur agus a’ sìor chur na chuimhne nach robh maraiche ceart a-riamh gun phìob a’ ceòthadh às a bheul. Dh’èisteadh e riutha agus chanadh e,

‘Just so.’

Oir bha fhios aig Mìcheal Iain gun robh a h-uile duine na mharaiche taobh an teine air latha ciùin. An fheadhainn nach fhaca riamh a’ mhuir ud deas air Cape Horn.

‘Tuig thusa an t-eathar agus tuigidh an t-eathar thu,’ chanadh e.

Cha robh a’ chuairt bheag gach feasgar a-mach gu Caisteal Chiosamuil cho fada ’s gun cuireadh sìon dhe sin dragh air Dolina. Oir b’ e lasadh suas a’ chiad rud a dhèanadh i co-dhiù nuair a ruighneadh i a’ chreag. Nuair a bhiodh i tioram sheasadh i an sin a-muigh na còta le ceò mar Marlene Dietrich. Nuair a bhiodh i a’ sileadh le rag gaoithe (mar bu dual) rachadh i a-staigh agus ghabhadh i an toit fo sgàil nan creag.

Dhèanadh i tomhas air obair na h-oidhche. Cha robh mòran tomhas ri dhèanamh a dh’innse na fìrinn. Dìreach sgùradh le bruis chruaidh agus sguabadh le bruis bhog agus suathadh an siud ’s an seo le clobhd. Ann an dòigh. Ach air an làimh eile b’ e obair choisrichte a bh’ ann, mar gach cosnadh eile. Obair a cheart cho naomh ri obair an t-sagairt fhèin, oir bha aice ri rudan a ghlanadh cho math ’s a b’ urrainn dhi. Oir bha salchar a’ giùlan fhrìdean a bheothaicheadh thinneasan, agus nach b’ e dleastanas glanadair sam bith an saoghal aca a chumail fallain? B’ fheàrr aon ùrlar air a nighe na dhà-dheug air an sguabadh.

Chuir i an ciogaireat air falbh, ghoil i na coireachan agus chaidh i air a glùinean a sgùradh nan clach. Ach, a Dhia, an neart a bh’ aice! Uaireannan cha robh i fhèin ga chreidsinn. Bha i cearrach, agus a làmh clì le grèim teann air a’ bhruis bhig, sia òirlich air adhart agus sia òirlich air ais, an uair sin sia òirlich a-null agus sia òirlich a-nall. Slat às dèidh troigh gus an robh an t-ùrlar cha mhòr a’ gleansadh. Cha b’e boiseag no suathadh a chuireadh às dhan t-salchar, ach sgùradh is saothair. Ged a bha cuid de rudan cho domhainn sna clachan nach toireadh Samson fhèin ast’ iad. Làrach nan tacaidean ’s làrach nam brògan ’s làrach nan claidheamhan ’s na fala bho na crògan.

Bha a’ bhràiste òir air a cumail fo ghlainne ri taobh tè dhe na h-uinneagan beaga. Am prìomh rud a bha a’ tàladh luchd-turais dhan àite. Bha coltas gun robh i an sin slàn tèarainte fo ghlainne-trìplichte le clag beag dearg air an robh ‘Alarm’ sgrìobht’ os a chionn. Ach bha làn fhios aig Dolina (agus aig cuid eile) nach robh an sin ach rud fuadan, oir bha dleastanas oirrese a thoirt a-mach bhon ghlainne gach oidhche agus a lìomhadh às ùr gus am biodh i a’ gleansadh mar an latha a dh’fhàg Mac ’ic Ailein, no Lochlannach no Spàinnteach air choreigin, i às a dhèidh. Bha an seud fo àrachas leth-mhillean not. Suim nach robh ro bheag, shaoil Constabal Murdo, nuair a thòisich e a’ rannsachadh chùisean.

Rinn e dà liosta an toiseach. Suspects air an taobh chlì dhen duilleig, agus Motives air an taobh eile. Smaoinich e air a h-uile pruic air an robh e eòlach san sgire: Duncan Beag, Loudaidh, Iain Mòr, an dithis bhràithrean ud à Glaschu a bha a’ fuireach ann an carabhan – Tommy is Seòras – Tom and Jerry mar a bh’ aig a h-uile duine orra – agus thug e ùine gus an do chuimhnich e nach b’ e iasg beag a shluig Ionah, ach iasg mòr. An tidsear san sgoil Shàbaid a’ bruidhinn mu mhuc-mhara gus an tuirt Murdo, agus gun e ach seachd bliadhna a dh’aois, nach e muc-mhara bha an leabhar ag ràdh ach iasg mor. Dh’fheumadh duine bhith ceart is mionaideach, thuirt a sheanair ris. ‘Diofar mòr,’ thuirt John Angus ris aon latha, ‘eadar an liugha agus an Leviatan’. Bha fhios aige air a seo: gum biodh na ciontaich a’ falach aig bonn na mara fhad ’s a bhiodh na neoichiontaich a’ cluich air an tràigh. Cha robh ach mìos on a bha e air a bhith shìos an Glaschu air cùrsa trèanaidh, agus chuimhnich e an òraid a thug an t-àrd inspeactor dhaibh air an latha mu dheireadh mu dheidhinn cothromachd agus co-ionannachd.

‘Not for its own sake,’ thuirt e, ‘but for the sake of solving crime. Let no preference or prejudice blind you to any possibility.’

Bha Murdo air sin a chuimhneachadh oir bha e air a sgrìobhadh sìos anns an notebook aige. Ceud turas, mar gun robh e air ais anns an sgoil a’ dèanamh loidhnichean. Let no preference or prejudice blind you to any possibility. Chòrd na Ps ris. Oir bha e a-riamh dèidheil air bàrdachd. Pàdraig Post, Pàdraig Post, Pàdraig Post is a ghibeag bheag ghlas. Pick up a Penguin. Peter Piper picked a peck of pickled peppers. Pìobaireachd Dhòmhnaill Dhuibh Piòbaireachd Dhòmhnaill, Pìob agus bratach air faich’ Inbhir Lòchaidh.

Agus nuair a bhiodh e a’ cur Seonaidh Eairdsidh bho ghrèim na dibhe ’son oidhche gach dàrnacha mìos b’ e sin an rud a b’ fheàrr a bha a’ còrdadh ris – toirt air Seonaidh Eairdsidh bochd coiseachd air loidhne gheal tarsainn na h-oifis ’s e a’ feuchainn ris an t-seann duan aithris – The Leith Police Dismisseth Us. The Liss Polith Dithmithus is.

Bheireadh e an uair sin muga mòr teatha do Sheonaidh Eairdsidh agus shuidheadh an dithis aca an sin greis sa chealla a’ seinn còmhla. Oir chan eil mathanas fo ghlais.

An àm bhith fàgail Ghlaschu,

air madainn mhoich Dimàirt,

’s mo chridhe sgìth fo leòn a’ stiùireadh cùrs’

don Àird an Iar a’ triall do Mhontreàl.

‘Rudeigin mar sin co-dhiù,’ chanadh Seonaidh Eàirdsidh, às dèidh a dhol iomrall a-rithist.

‘Siuthad, a Mhurchaidh, gabh fhèin fear ceart,’ ’s bheireadh Murdo rafàlaidh air ‘O Nach Àghmhòr’ gus an tuiteadh Seonaidh Eairdsidh na chadal air a’ bheinge. ’S chuireadh Murdo cluasag iteagach fo cheann agus plaide chlòimhe mu thimcheall, oir bha fhios aige nach biodh aig Seonaidh Eairdsidh sa mhadainn ach ceann goirt is aithreachas. Chan eil prìs air tròcair.

Le sin, sgrìobh Murdo ainmean cuid a bhoireannaich air an liosta. Doirbh ’s gun robh e, oir cha b’ urrainn dha smaoineachadh air aon eucorach, beag no mòr, nam measg. Oir dè bh’ ann an eucoir co-dhiù, smaoinich e? Murt. Aidh, murt gu dearbh. Ach cha robh murt air a bhith a seo o dh’fhalbh na Lochlannaich. More or less. Dìreach treallaich de rudan. Seonaidh Eairdsidh a’ gabhail tè mhòr an-dràst ’s a-rithist ’s a’ dèanamh peasan dheth fhèin. Daoine falbh aig 50 le càr nuair a bu chòir dhaibh falbh aig 30. Agus daonnan deagh adhbhar aca – dol dhan ospadal le cuideigin a bha tinn, no ruith ’son na h-aiseig mu dheireadh, no siubhal a dh’fhaighinn Granaidh a bha air turn a ghabhail.

Chan e gun robh e bored, ach cha robh mòran ri dhèanamh, agus bha fhios aige deamhnaidh math gun robh na h-urracha mòra air tìr-mòr a’ bruidhinn air an stèisean-poileis aige a dhùnadh aon uair ’s gu leigeadh e dheth a dhreuchd. Rud nach biodh ro fhada. Dè bh’ ann a-nis? Thug e sùil air an leabhar-latha. Beagan mhìosan. Hud, cha robh dragh acasan a-muigh an sin air tìr-mòr. Iad fhathast dhen bheachd gun robh an t-àite mar ann a’ Whisky Galore ’s gun fheum air oifigear sam bith. Nach beag a dh’fhios a bh’ aca. An obair mhòr a bha esan a’ dèanamh. Gu dìomhair falaichte, cha mhòr.

O, bha fhios aige gun robh e gu math seannfhasanta na dhòigh, ach cha robh sin a’ ciallachadh gun robh shaothair gun fheum. Dè b’ fheàrr dhan choimhearsnachd na bhith faicinn Constable MacDonald – Murdo Beag – a’ coiseachd sìos an t-sràid na bhrògan tacaideach, no bhith ga fhaicinn a’ falbh gu slaodach anns a’ chàr gheal timcheall an eilein, sùil an siud is sùil an seo. Cha dèan brògan tioram iasgach. Cha dèan, a bhròinein. Dh’fhàgadh e daonnan fàilt’ às a dhèidh.

A’ faicinn ’s ag èisteachd ’s a’ meòrachadh. A’ toirt cofhurtachd dhaibh le a làthaireachd. A’ neartachadh seann daoine nan dachaighean fhèin nuair a chitheadh iad e a’ dràibheadh seachad, a’ toirt air na bleigeardan òga a bhith beagan nas fhaiceallaiche, a’ cumail dhaoine bho bhith dràibheadh dhachaigh on taighsheinnse nuair a bha e timcheall. A’ tighinn leis an droch naidheachd le faiceall agus cùram. A’ sàbhaladh dhaoine dìreach le bhith air an eilean.

’S cò dhèanadh sin nuair a dh’fhalbhadh e, ’s nuair a dhùineadh an oifis? An robh iad a’ smaointinn gun dèanadh iad sin le remote-control no rudeigin, à Baile Mhanaich, no Steòrnabhagh, no Inbhir Nis no Glaschu. Rinn e gàire ris fhèin. Huh! Nach robh bleigeard òg an sin aig a’ chùrsa-trèanaidh mu dheireadh a’ spùtadh às gun dèanadh Drones agus Robots an obair a bha iadsan a’ dèanamh an-dràsta? E na sheasamh an sin le Flow Chart agus Power Point Presentation a’ dearbhadh mar a dh’fhaodadh aon Drone stèidhichte ann an Steòrnabhagh na h-Eileanan Siar gu lèir a chòmhdachadh. ‘Just an extension of CCTV,’ thuirt e, mar nach robh uisge no gaoth no droch shìde no eile nochdadh san àite. ‘You press here,’ ars esan, ‘and Lewis is covered. Then another flick of the dial and everyone in Harris under complete surveillance. All the way down to Barra Head. Bet the Hanoverians wished they had this technology when looking for yon Bonny Prince, eh gentlemen?’